FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tòimhseachan (3)

Bu mhath leam tòiseachadh le tòimhseachan an t-seachdain seo. Feumaidh

Audio is playing in pop-over.

Tòimhseachan (3)

Bu mhath leam tòiseachadh le tòimhseachan an t-seachdain seo. Feumaidh sibhse tomhas a dhèanamh air cuspair an tòimhseachain:

Nighean bheag a’ chòta bhàin

Anns an t-sabhal is anns an àth

Mar (a) bu mhotha a bha i ’g ith’

’S ann (a) bu lugha a bha i (a’) fàs

A bheil e agaibh? Uill, seo dreach eile air an dearbh thòimhseachan. ’S dòcha an turas seo gum faigh sibh e:

Nighean bheag a’ chòta bhàin

’S i na suidhe ’s i ri cnàmh

Mar (a) bu mhotha a bha i ’g ith’

’S ann (a) bu lugha a bha i (a’) fàs

Tha mi cinnteach gu bheil e agaibh a-nise! Smaoinichibh air oidhcheannan dorcha a’ gheamhraidh mus robh cumhachd an dealain ann. ’S e nighean bheag a’ chòta bhàin – coinneal. Mar a bu mhotha a bha a’ choinneal ag “ithe” de chèir, ’s ann a bu lugha a bha i a’ fàs.

Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba dìreach air a bhith a’ comharrachadh an còigeamh co-latha-breith deug thar na trì fichead. Nise, chan e colbh poilitigeach a th’ anns an Litir seo agus chan eil mi ag ainmeachadh a’ phàrtaidh air sàillibh adhbharan poilitigeach. Ach bu mhath leam rudeigin a ràdh mun duine a bha na chiad cheann-suidhe aig an SNP nuair a thòisich iad o chionn seachdad ’s a còig bliadhna, oir ’s e duine iongantach a bh’ ann.

B’ esan Raibeart Coineagan Greumach. ’S iomadh rud iongantach a rinn e na bheatha ach tha e air a chuimhneachadh gu sònraichte airson a chuid sgrìobhaidh agus airson na rinn e ann am poilitigs.

Bhuineadh Raibeart do na h-uaislean agus thogadh e air oighreachdan ann an Siorrachd Rinn Friù agus Siorrachd Dhùn Bhreatainn. Bha a mhàthair leth-Spàinnteach agus ’s e Spàinntis a’ chiad chànan a bh’ aige. Bha e aig sgoil phrìobhaideach Harrow ann an Sasainn agus mu dheireadh ann an sgoil sa Bhruiseil. Dh’fhalbh e an uair sin gu ruige Argentina far an do rinn e airgead mòr mar rainsear cruidh. Cha b’ e sin àrach a bhite an dùil a dhèanadh e na nàiseantach Albannach!

Fhad ’s a bha e ann an Argentina, dh’fhàs e gu math sgileil air muin eich. Choisinn e cliù dha fhèin mar bhalach-cruidh no gaucho, agus ghabh e gràdh mòr air eich – rud a thigeadh am bàrr anns an sgrìobhadh aige. Bhathar eòlach air ann an Argentina mar Don Roberto.

Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883), chaochail athair. Thill Raibeart a Bhreatainn agus fhuair e an sàs ann am poilitigs. Ach, a dh’aindeoin àraich mar fhear de na h-uaislean bha Raibeart na shòisealach làidir. Cha robh am Pàrtaidh Làbarach ann am bith aig an àm, agus sheas Raibeart mar thagraiche Libearalach anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886).

Bha am manifesto aige gu math radaigeach. Bha e ag iarraidh gun cuirte às do Thaigh nam Morairean, gum faigheadh a h-uile inbheach, fireann is boireann, a’ bhòt, gum biodh na tionnsgalan mòra air an cur fo smachd na stàite, gum faigheadh clann dinnear sgoile an-asgaidh, gum biodh an ceangal bunreachdail eadar an stàit agus Eaglais Shasainn air a bhriseadh, nach biodh aig luchd-obrach ri barrachd na ochd uairean a thìde obrachadh gach latha agus gum faigheadh Alba fèin-riaghladh. Uill... bha iad sin gu math radaigeach aig an àm!

An ath-sheachdain chì sinn mar a chaidh beatha phoilitigeach Raibeirt tro atharrachadh mòr no dhà eile mus robh i seachad. Eu-coltach ri coinneal cha deach e an lughad le aois.

Litir 512 Litir 512 Litir 514 Litir 514

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!