Am measg nan daoine a th’ air an tiodhlacadh air Innis mo Cholmaig ann an Loch Innse mo Cholmaig tha Raibeart Coineagan Greumach, no Don Roberto
mar a chante ris anns an dàrna dùthaich aige, Argentina. Mura h-eil sibh eòlach air Loch Innse mo Cholmaig ’s e sin a’ Ghàidhlig air The Lake of Menteith. Cha b’ ann an Alba a chaochail Raibeart – ach nuair a bha e air turas ann an Argentina ann an naoi ceud deug,
trithead ’s a sia (1936).
Ged a bhuineadh e do na h-uaislean, bha Raibeart na shòisealach agus na nàiseantach Albannach. An toiseach, ge-tà, bha e na bhall pàrlamaid don
Phàrtaidh Libearalach. Ach, aig a’ cheann thall, cha robh iadsan fada gu leòr air taobh clì phoilitigs dha.
Cha robh e deònach cumail ri modhan Thaigh nan Cumantan agus chaidh a chur a-mach às an Taigh airson mì-mhodh barrachd air aon turas. Bha e a’ dìon
còraichean nan daoine bochda agus còraichean daoine a bhith a’ togail fianais gu sìtheil air an t-sràid.
As t-fhoghar ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887), dh’fhàs cùisean mì-rianail air na sràidean. Bha crìonadh eaconamach ann agus thog mòran
fianais. Cuimhnichibh gur e dìreach beag-chuid dhen phoball aig an robh còraichean bhòtaidh aig an àm.
Thàinig gnothaichean gu ceann air an treas latha deug dhen t-Samhain ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887) ann an Ceàrnag Trafalgar ann an
Lunnainn.
Thathar a’ cuimhneachadh an latha mar “Dòmhnach na Fala” – a’ chiad fhear leis an ainm sin. Rinn na poilis dochann air mòran dhen luchd-fhianais.
Nam measg bha Raibeart. Ach bu choma leis a’ bhritheamh gun do dh’fhuiling e dochann. Fhuair e sia seachdainean sa phrìosan a bharrachd.
Bha Raibeart a’ sìor ghluasad don làimh chlì.
Aon turas thug e seachad òraid anns an Fhraing a bha cho radaigeach ’s gun deach a shadail a-mach às an dùthaich. Dh’fhàg e am Pàrtaidh Libearalach
agus, ann an co-bhuinn ri Keir Hardie, stèidhich e Pàrtaidh Làbarach na h-Alba. Sheas e airson a’ phàrtaidh ann an Glaschu anns an taghadh
nàiseanta ann an ochd ceud deug, naochad ’s a dhà (1892) ach cha deach leis. Bha a bheatha mar bhall pàrlamaid seachad.
Ach cha robh a bheatha phoilitigeach seachad. Bha e riamh a’ creidsinn gu làidir ann am fèin-riaghladh do dh’Alba. Agus, mar a bha mi ag ràdh, b’
esan a’ chiad cheann-suidhe aig a’ Phàrtaidh Nàiseanta, an SNP.
Bha beatha Raibeirt taobh a-muigh phoilitigs a cheart cho inntinneach ri a bheatha taobh a-staigh phoilitigs. Fhad ’s a bha e fhathast sa
phàrlamaid, dh’fhalbh e a Mhorogo leis an amas a bhith a’ marcachd tro na beanntan Atlas gu ruige baile air a bheil Taroudant. Ge-tà, bha am baile
toirmisgte do choigrich, gu h-àraidh Crìosdaidhean. Chuir an Greumach e
fhèin ann an riochd dotair Tuirceach agus bha e faisg air Taroudant nuair a chuireadh an grèim e. Dh’innis e eachdraidh a’ ghnothaich anns an leabhar
Mogreb-El-Acksa.
Sgrìobh e mòran leabhraichean air eich, siubhal agus eachdraidh agus bha e na charaid pearsanta do na h-uibhir de na h-ùghdaran is luchd-ealain as
ainmeile ri a linn. Am measg nan daoine a bu mhotha dhan tug e spèis bha Aimé Tschiffely, Eilbheiseach a rinn a dhachaigh ann an Argentina. Chaidh
Tschiffely còig mìle deug mìle air muin eich tro Ameireagaidh – deas agus tuath – thar trì bliadhna. Bha rud mar sin cho dlùth ri cridhe Raibeirt ’s a
bha eadhon poilitigs is còraichean muinntir na h-Alba. Bha Raibeart Coineagan Greumach ainmeil ri a linn, agus cha bu chòir dhuinn a bhith ga
dhìochuimhneachadh an-diugh.