Ann am baile Otta, ann am meadhan Nirribhidh, tha ìomhaigh ann de bhoireannach òg. ’S e Pillarguri an t-ainm a th’ oirre agus tha i
ainmeil ann an eachdraidh na dùthcha. Na làimh tha còrn a tha i a’ sèideadh. ’S e sèideadh a’ chùirn a chomharraich toiseach na
h-ionnsaigh a rinn ceudan Nirribheach air feachd Albannach a bha a’ dèanamh air an t-Suain ann an sia ceud deug ’s a dhà-dheug (1612).
Bha na h-Albannaich a’ dol a shabaid às leth rìgh na Suain – an aghaidh nan Dànach agus nan Nirribheach.
Aig Kringen, deas air Otta, bha còig ceud Nirribheach a’ feitheamh ris na h-Albannaich. Bha iad am falach anns a’ choille os cionn na h-aibhne. Bha
Pillarguri air taobh eile na h-aibhne, a’ cumail sùil air na h-Albannaich fhad ’s a bha iad a’ tighinn sìos an gleann. Bha na h-Albannaich ann an
deagh shunnd agus thathar ag ràdh gun robh feadhainn a’ seinn na pìoba. Bha iad a’ cumail sùil air Pillarguri agus air fear eile a bha faisg oirre
air muin eich ach a bha a’ marcachd an comhair a chùil. Cha robh an sùilean air na coilltean os an cionn.
Bha Seòras Mac na Ceàrdaich aig an aghaidh. B’ esan a’ chiad duine a chaidh a mharbhadh nuair a thòisich na Nirribhich air losgadh air na
h-Albannaich le crois-bhoghachan agus gunnaichean. Bha Seòras air manadh fhaicinn air a’ mhadainn sin gum biodh droch latha ann agus thug e sgian
do a bhean. Bha a bhean agus am pàiste a’ siubhal còmhla ris.
Nuair a chaidh Seòras a mharbhadh, chaidh fear de na Lochlannaich a dh’ionnsaigh a mhnà leis an amas am pàiste a thogail is a thoirt gu
sàbhailteachd. B’ esan Kjeld Fjerdringen. Ach bha a’ Bhean-uasal Nic na Ceàrdaich dhen bheachd gun robh e a’ dol a mharbhadh an leanaibh. Thug i an
sgian a-mach agus shàth i Kjeld. Thuit e marbh.
Rinn na Nirribhich a’ chùis air na h-Albannaich. Bha beagan is ceud is trithead Albannach air fhàgail beò, agus iad nam prìosanaich. ’S e glè bheag
de mhuinntir an àite a chaill am beatha.
Ach cha robh an sgrios seachad. Air an làrna-mhàireach thug na Nirribhich na h-Albannaich a-mach agus mhuirt iad a’ chuid a bu mhotha aca, fear mu
seach. Ged a tha muinntir Nirribhidh a’ comharrachadh a’ bhatail chun an latha an-diugh, le fèill gach samhradh, ’s e seo pàirt dheth às nach eil
iad moiteil. Thathar a’ dèanamh dheth nach robh ach ceithir Albannaich dheug air fhàgail beò aig an deireadh. Bha na ceudan anns an fheachd aig an
toiseach.
Chaidh na prìosanaich a thoirt don phrìomh bhaile, Christiania, far a bheil Oslo an-diugh. Tha carragh-cuimhne ann do Sheòras Mac na Ceàrdaich ann
am baile eile air a bheil Kvam, sìos an gleann bho Khringen. Ged a bha e na nàmhaid do na Nirribhich, thathar a’ toirt spèis do a chuimhne an-diugh. Agus tha feadhainn ag
aithneachadh gu robh ceangal eachdraidheil aige do Lochlann. Bha a shinnsirean nan Normanaich agus b’ e a sheanair an t-Iarla mu dheireadh de
dh’Arcaibh. ’S dòcha gun robh Lochlannais fhathast aig cuid de na saighdearan aige.
Taobh a-muigh Ghallaibh, cha chreid mi gu bheil mòran ann an Alba a’ cuimhneachadh Blàr Khringen an-diugh. Ach chan ionann sin ann an Nirribhidh. Ann
an ionad nam bùthan ann an Otta, tha taisbeanadh mòr de dhealbhan brèagha a tha ag innse eachdraidh a’ bhatail ’s mar nach do shoirbhich le feachd
Albannach ann an Nirribhidh anns an t-seachdamh linn deug.