FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Ridire Uilleam MacFhionghain (1)

O chionn beagan mhìosan bha mi ann an Ceann Loch

Audio is playing in pop-over.

An Ridire Uilleam MacFhionghain (1)

O chionn beagan mhìosan bha mi ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an Cinn Tìre. Bha mi anns an ionad-choimhearsnachd ùr anns a’ bhaile. Ri taobh an ionaid tha carragh-cuimhne mòr ann don Ridire Uilleam MacFhionghain. Feumaidh mi aideachadh nach robh mòran fios agam mu dheidhinn aig an àm sin.

Beagan seachdainean an dèidh sin, bha mi a’ cèilidh air caraidean air a’ Chomraich. Thug iad a-mach leabhar mu dheidhinn sgoil gu math inntinneach agus rudeigin ainmeil. Sgoil phrìobhaideach le ceangal làidir don Ghàidhealtachd. Chaidh iomadh Gàidheal òg tro a dorsan.

’S e an t-ainm air an leabhar “Keil School – a History” agus chaidh a sgrìobhadh le Barrach – fear Ruairidh MacAsgaill a thogadh ann an Eòlaigearraidh. Bha esan na sgoilear aig Keil School anns na tritheadan.

Agus dè an ceangal a th’ ann eadar an leabhar agus an carragh-cuimhne ann an Ceann Loch Chille Chiarain? Uill, mura b’ e Uilleam MacFhionghain, cha robh an sgoil air a bhith ann idir. Agus bha an carragh-cuimhne uaireigin ann an àrainn na sgoile, ged a bha e roimhe sin ann an Afraga. Airson a’ chùis a mhìneachadh, feumaidh mi innse dhuibh an toiseach mu bheatha Uilleim MhicFhionghain. Dh’èirich e gu bhith na dhuine air leth beartach is cliùiteach.

Rugadh e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a trì (1823) ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha na sinnsirean aige à Eilean Arainn agus bha athair na ghèidsear. B’ e Uilleam am fear a b’ òige ann an teaghlach mòr. Bha trì duine deug de chloinn ann. Fhuair e trèanadh mar ghrosair ach cha robh e riaraichte le bhith ag obair ann am bùth agus rinn e air Glaschu.

Às dèidh greis ag obair ann an oifis anns a’ bhaile sin, dh’fhalbh e do na h-Innseachan. Bha sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1847) nuair a bha e fichead ’s a ceithir bliadhna a dh’aois. Chuir e fhèin is caraid à Ceann Loch Chille Chiarain companaidh malairt air chois ann an Calcutta. Bha oifisean aca an dà chuid ann an Calcutta is Glaschu.

Bha e gu math comasach mar fhear-gnothaich. Fhuair e cùmhnantan riaghaltais airson am post a ghiùlain eadar Bengal agus Burma, agus bha na longan aige a’ dol cho fada ri Singapore agus Persia. Bha e deimhinne gur e soithichean-smùide an dòigh air adhart, seach soithichean-seòlaidh, agus bha e ceart. Ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a dhà (1862), chaidh a’ chompanaidh aige ainmeachadh às ùr mar The British India Steam Navigation Company. Bha aire Uilleim a’ gluasad air falbh bho na h-Innseachan is a dh’ionnsaigh taobh sear Afraga. Fhuair e eòlas air Sultan Zanzibar. Chuir e companaidh ùr air chois – The Imperial British East Africa Company . Bha a’ chompanaidh a’ riaghladh sgìre mhòr ann an Afraga an Ear. Tro thìde cheannaich Riaghaltas Bhreatainn an dùthaich sin bhuapa agus chruthaich iad British East Africa às.

Cha b’ e gnothaichean malairteach a-mhàin a bha cudromach do dh’Uilleam. Bha taobh mòr aige don Eaglais Shaoir agus thug e taic-airgid don Eaglais nuair a bha iad a’ cur miseanaraidhean a dh’ionnsaigh meadhan Afraga. Bha e eòlach air an luchd-rannsachaidh, Livingstone is Stanley, agus thug e taic mhòr do Stanley nuair a bha e a’ rannsachadh ann an Afraga. Sgrìobh Stanley ann an iomradh-bàis do dh’Uilleam gun do chuir e seachad a bheatha air fad a’ dèanamh rudan matha. Cha do ràinig mi Keil School fhathast, ach ruigidh anns an ath Litir.

Litir 485 Litir 485 Litir 487 Litir 487

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!