Dh’fhàs Sir Uilleam MacFhionghain beartach bhon obair mhalairt a rinn e anns na h-Innseachan agus Afraga an Ear. Bhuineadh e do Cheann Loch Chille
Chiarain agus cheannaich e oighreachd ann an Cinn Tìre. Cheannaich e cuideachd oighreachd Srath na h-Àirde ann an ceann a deas an Eilein
Sgitheanaich – sgìre le buinteanas eachdraidheil do Chloinn ’ic Fhionghain.
Ann an Cinn Tìre thog e baile beag ris an canar An Clachan. Agus thog e eaglais ann. ’S ann leis an Eaglais Shaoir a bha i. Bha taigh mòr aige a
tha a-nise na thaigh-òsta. Agus bha gheat aige. Bhiodh daoine ainmeil a’ cèilidh air. Gu dearbh, bha a’ Bhanrigh Bhictoria a’ dèanamh deiseil
airson tadhal air nuair a chaochail e – ann an Lunnainn, ann an ochd ceud deug, naochad ’s a trì (1893).
Thug Uilleam tòrr airgid seachad nuair a bha e beò. A dh’aindeoin sin, bha ceudan mhìltean notaichean aige fhathast na sporan nuair a chaochail e.
Fortan mòr san linn sin! Am measg na fhuair airgead bhuaithe bha an iomairt airson cathair Cheilteis a stèidheachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann.
Thuirt am Proifeasair Blackie gun robh ùidh mhòr aig Uilleam ann an Gàidhlig, ged nach urrainn dhomh a bhith cinnteach an robh an cànan aige fhèin.
Ged a phòs e, cha robh clann aige.
Chaidh mòran dhen airgead aige a-steach do dh’urras leis an amas cothroman foghlaim a thoirt do dh’fhir òga às a’ Ghàidhealtachd. Chuir mac a
pheathar, Donnchadh MacNèill, airgead ris an urras cuideachd.
Cheannaich an t-urras àite air a bheil A’ Chill anns a’ Cheann mu Dheas de Chinn Tìre. Bha togalach mòr ann, agus còrr is ceud acaire fearainn. Bha
na h-urrasairean ag iarraidh sgoil bheag a stèidheachadh anns am biodh gillean a’ faighinn oideachadh ann an Àiteachas agus Einnseanaireachd. Bha i
gu bhith do bhalaich à siorrachdan Earra-Ghàidheal is Inbhir Nis, Eileanan Bhòid is Arainn, agus cuideachd bho nas fhaide air falbh air a’
Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan. Ann an naoi ceud deug is còig-deug (1915), dh’fhosgail an Kintyre Technical School airson ochd balaich
dheug. Bha a’ chiad fheadhainn sin à Cinn Tìre, Diùra, Ìle, Arainn agus Giogha. Bidh sibh a’ mothachadh nach e Sgoil na Cille no Keil School a bh’ oirre aig an toiseach. Chì sinn fhathast dè as coireach ri atharrachadh a h-ainm.
B’ e a’ chiad mhaighstir-sgoile aca Seumas Mason, a bha a’ teagasg ann an sgoil theicnigeach ann an Goillspidh roimhe sin. Bha e na cheannard eadar
naoi ceud deug is còig-deug (1915) agus naoi ceud deug is caogad (1950). Thug e buaidh mhòr air an sgoil. Seo na prionnsabalan a bh’ aige: Bha
creideamh a’ gabhail àite mòr ann. Bha cothrom aig a h-uile gille deuchainn a dhèanamh airson faighinn a-steach don oilthigh. Bha na gillean an ìre mhath gan smachdachadh fhèin. Bha iad air am brosnachadh uallach a ghabhail airson gach rud a rinn iad. Agus rinn iad fhèin an obair-taighe air fad,
ach a-mhàin a’ chòcaireachd.
Rinn iad a’ ghàirnealaireachd cuideachd – a’ cur is a’ buain bhuntàta, coirce is eile. Agus bha spòrs gu leòr air a’ chlàr-ama – ball-coise, criogaid,
lùth-chleasachd agus snàmh sa mhuir.
Ach thàinig atharrachadh mòr air an sgoil anns an Dùbhlachd naoi ceud deug, fichead ’s a ceithir (1924). Chaidh i na smàl agus chaidh an togalach a
sgrios. Bha an sgoil air fàs gu còrr is leth-cheud sgoilear agus ceathrar thidsearan – no maighstirean mar a bh’ aca orra.
Dh’fhàg an sgoil A’ Chill ach ’s ann an uair sin, mar a chì sinn, a ghabh i an t-ainm Keil School.