Bha Sir Iain MacCoinnich na Mhinistear airson an Fhearainn ann an Sealan Nuadh anns an deichead mu dheireadh dhen naoidheamh linn deug. Rinn e
cinnteach nach biodh fearann na dùthcha ann an làmhan uachdaran mòra. Ach, anns an Eilean mu Thuath, bha tòrr dhen fhearann ann an làmhan nan
daoine dùthchasach, na Maori.
Thug an Riaghaltas achdan ùra a-steach. Leig sin leotha fearann a cheannach bho na Maori. Chaill na Maori còrr is trì millean acaire. Cheannaich an
Riaghaltas am fearann aig prìs ceithir tastain is sia sgillinn gach acaire. Ach nuair a reic iad e, bha dà not air gach acaire. Rinn an Riaghaltas
prothaid às. Thug iad taic-airgid do na tuathanaich bheaga ùra.
Cha tug iad taic-airgid mar sin do na Maori, ge-tà.
Dhuinn fhìn an-diugh, tha e doirbh a thuigsinn mar a bha cuid de Ghàidheil cruaidh air na daoine dùthchasach anns na coloinidhean Breatannach.
Bha na Gàidheil a’ fulang call fearainn aig an taigh ach thug iad fearann air falbh o dhaoine dùthchasach ann an dùthchannan eile.
Cha b’ e sin an t-àm a b’ fheàrr nar n-eachdraidh.
Ged a chunnaic Iain MacCoinnich le shùilean fhèin buaidh nam fuadaichean ann an Alba, thug e fearann mòr air falbh bho na Maori. Bha e a’
smaoineachadh gun robh na daoine geala na b’ fheàrr mar thuathanaich. Bha e a’ smaoineachadh nach robh na Maori a’ dèanamh gu leòr leis an
fhearann.
Agus bha e feumach air taic phoilitigeach bho dhaoine Eòrpach ann an sgìrean dùthchail anns an Eilean mu Thuath.
Tha e doirbh Iain MacCoinnich a chomharrachadh mar neach-poilitigs. Bha e radaigeach air ceist an fhearainn. Ach bha e caomhnach ann an dòighean
eile. Bha e an aghaidh boireannaich a bhith a’ bhòtadh – ged a bha Sealan Nuadh air thoiseach air a chòrr dhen t-saoghal a thaobh sin. Bha e
onarach, ach dh’fhaodadh e a bhith droch-nàdarrach is connsachail. Nuair a dh’fhàsadh e feargach sa phàrlamaid, thigeadh a’ Ghàidhlig gu bhilean.
Cha robh fios aig muinntir Hansard dè bha e ag ràdh!
Nuair a chaidh am Prìomhaire a Lunnainn, bha MacCoinnich aig stiùir na dùthcha. Ach cha robh e a’ cumail gu math. Chaidh e fhèin a Lunnainn ann an
ochd ceud deug, naochad ’s a naoi (1899) airson a dhol fo lannsa. Fhad ’s a bha e a’ dol am feabhas, chaidh e air ais don t-seann dachaigh aige ann
am Baile an Dùin. Thachair e ri seann chàirdean agus chaidh fàilte chridheil a chur air.
Thill e a Shealan Nuadh ach bha e a’ fulang le aillse. Leig e dheth a dhreuchd mar bhall pàrlamaid ann an naoi ceud deug (1900). Bliadhna às dèidh
sin, bha Diùc na Cùirn is Iorc ann an Sealan Nuadh. Stad an trèana aige faisg air dachaigh MhicCoinnich. Bhuilich
an Diùc inbhe ridire air MacCoinnich. Nuair a chaochail MacCoinnich beagan seachdainean às dèidh sin, ’s e “Sir Iain” a bh’ air.
Bha tiodhlacadh mòr aige, coltach ri seann tiodhlacadh nan ceann-cinnidh Gàidhealach, le còmhlan pìoba aig a cheann. Chaidh carragh-cuimhne a chur suas
dha ach cha robh e air a thogail gu math agus thuit e às a chèile. Ann an naoi ceud deug, fichead ’s a naoi (1929) chaidh carragh ùr a chur suas air
mullach cnuic ris an canar Puketapu. Ma tha sibh a’ siubhal an rathaid mhòir eadar Christchurch agus Dùn Èideann, chì sibh an carragh-cuimhne os cionn
baile beag ris an canar Palmerston. Fhad ’s a sheasas e, cha tèid Sir Iain MacCoinnich a-mach à cuimhne nan daoine ann an Sealan Nuadh.