FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Boban Saor

An t-seachdain sa chaidh, thug mi earrann dhuibh de sgeulachd

Audio is playing in pop-over.

Boban Saor

An t-seachdain sa chaidh, thug mi earrann dhuibh de sgeulachd à Miughalaigh, a chaidh a chruinneachadh le Lisa Storey, agus a nochdas anns an leabhar ùr aice, Muinntir Mhiughalaigh. ’S e an t-ainm air an stòiridh Boban Saor. Uill, tha mi airson an ìre mhath an aon stòiridh innse dhuibh an t-seachdain seo, ach le diofar no dhà ann. Agus chan ann à Miughalaigh a thàinig e – ach à taobh thall a’ chuain ann an Canada.

Tha leabhar fìor mhath ann air a bheil Tales until Dawn – Sgeul gu Latha a chaidh a chur ri chèile leis an sgoilear Ghàidhlig, Iain Seathach. Tha Iain a-nise stèidhichte ann an Dùn Èideann, ach bha e a’ fuireach uaireigin ann an Eilean Cheap Bhreatainn ann an Alba Nuadh. Chruinnich e tòrr sgeulachdan is naidheachdan bho fhear Eòs MacNìll ann an Ceap Breatainn. Agus abair stòras de sgeulachdan is naidheachdan! Am measg na th’ aige ann an Sgeul gu Latha, tha an stòiridh seo – Boban Saor. An dearbh dhuine ris an do thachair sinn ann am beul-aithris Mhiughalaigh. Faodaidh sibh coimeas a dhèanamh eadar an stòiridh à Miughalaigh agus am fear à Ceap Breatainn. Agus, mar a rinn mi le fear Mhiughalaigh, tha mi air atharrachadh no dhà a dhèanamh gus am bi e beagan nas fhasa dhuibh.

Latha a bha seo, thuirt Boban Saor ri a mhac gun robh iad a’ dol air thuras. Dh’iarr e air a mhac faighinn deiseil. Dh’fhaighnich a mhac dheth càite an robh iad a’ dol. Thuirt Boban Saor gun robh iad a’ dol a dh’fhalbh gus an ruigeadh iad an t-àite anns an robh an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich. Bidh cuimhne agaibh an t-seachdain sa chaidh gun robh an sruth an aghaidh àird againn airson “water running uphill”. An turas seo tha an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich againn. Tha e a’ ciallachadh an aon rud.

Dh’fhalbh iad, a’ marcachd. Bha dìreach aon each aca. Bha an dithis aca air druim an eich. Chaidh iad pìos agus thàinig iad gu allt. Bha am fear òg a’ gabhail beachd air na thuirt athair. Bha e a’ coimhead airson àite anns an robh an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich.

Mar a thàinig iad a dh’ionnsaigh an uillt, thuirt Boban Saor ris a’ ghille e thighinn air làr, agus gun leigeadh iad leis an each a dhol sìos a ghabhail deoch. Bha an gille na sheasamh, ’s e a’ coimhead air an each. Thuirt e ri athair an ceann tacain, “Faodaidh sinn tilleadh.”

Carson a dh’fhaodas sinn tilleadh?” thuirt athair.

“O,” ars’ esan, am fear òg, “ràinig sinn an t-àite anns a bheil an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich. Seall,” ars’ esan, “mar a tha an t-uisge a’ dol suas ann an amhaich an eich.”

“’S fhìor sin,” arsa Boban Saor, agus thuig e gun robh an gille gu math seòlta.

Dè an stòiridh as fheàrr leibh? Bha barrachd ann am fear Mhiughalaigh, ceart gu leòr, ach ’s ann mì-fhortanach a bha an gille anns an stòiridh sin, agus e air a chur air falbh. Anns an stòiridh à Ceap Breatainn, ’s e an gille a tha glic. Chan eil sgeul air an dithis mhac eile agus chan eil dad ann mu dheidhinn a’ bhean aige a bhith ag innse do Bhoban Saor nach ann leis-san a bha fear dhen triùir. Tha Boban Saor a’ nochdadh ann an grunn sgeulachdan, an dà chuid ann an Alba is Canada. Innsidh mi fear eile dhuibh an ath-sheachdain.

Litir 437 Litir 437 Litir 439 Litir 439

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!