Thàinig leabhar a-mach o chionn ghoirid le fiosrachadh inntinneach, luachmhor ann mu eilean ainmeil Gàidhealach. Tha an t-eilean an-diugh gun sluagh ach
bha daoine uaireigin a’ fuireach ann. ’S e an t-eilean – Miughalaigh – deas air Barraigh, às an do dh’fhalbh na daoine o chionn ceud bliadhna no mar sin.
’S e an t-ainm air an leabhar Muinntir Mhiughalaigh agus ’s i Lisa Storey a chuir ri chèile e. B’ e athair Lisa Donnchadh Anndra Dhonnchaidh
Cìobair agus rugadh esan ann am Miughalaigh.
’S iomadh seud a th’ anns an leabhar – a th’ ann an Gàidhlig air fad – agus cha bu mhath leam cus innse oir bu chòir dhuibh a cheannach! Ach bu mhath leam
earrann de stòiridh innse dhuibh – fear de na stòiridhean a chruinnich Lisa bho mhuinntir Mhiughalaigh.
’S e an t-ainm a th’ air – Boban Saor. ’S e sin ainm an duine a tha aig meadhan an stòiridh. Boban Saor. Tha mi a’ dol ga dhèanamh beagan nas sìmplidhe na
bha e nuair a fhuair Lisa e.
Bha fear ann roimhe ris an canadh iad Boban Saor. Bha triùir mhac aige. Dh’fhàs a’ bhean aige bochd. Bha i an galar a bàis. Thuirt i ri Boban Saor gun robh
triùir mhac aige ach nach bu leis fhèin ach dithis dhiubh. Cha tuirt Boban guth agus chaochail a bhean. Dh’fhàgadh an triùir mhac mar a bha iad. Cha robh
càil a dh’fhios aca mu na thuirt am màthair.
An dèidh don bhean aige falbh, thuirt Boban ris fhèin, “Nach mis’ a tha gòrach a’ dol a bheathachadh mac duine eile. Nach eil an
fheadhainn agam fhìn gu leòr dhomh? Feumaidh mi faighinn a-mach cò am fear nach eil leam fhìn. Cuiridh mi bhuam e.”
Latha a bha seo, thug e a-mach trì eich. Thug e each an t-aon do na gillean agus thuirt e riutha, “Thallaibh is thoiribh deoch dha na h-eich. Na toiribh
dhaibh boinne ach far a bheil sruth an aghaidh àird.” A bheil sibh a’ tuigsinn sin – sruth an aghaidh àird ? Tha e a’ ciallachadh
“running uphill”. Na toiribh dhaibh boinne ach far a bheil sruth an aghaidh àird. Don’t give them a drop except where the water is running uphill.
Mmm. A bheil sibh a’ faicinn dè tha a’ dol a thachairt? Dh’fhalbh dithis de na mic agus, far an do chrom na h-eich, ag òl deoch, leig na gillean leotha.
Dh’fhalbh an treas fear agus bha e a’ siubhal gach àite gus am faigheadh e sruth an aghaidh àird. Thill an dithis dhachaigh, agus na h-eich aca, agus
thuirt Boban Saor riutha, “An tug sibh deoch dha na h-eich?”
“Thug,” fhreagair iad.
“An ann far an robh sruth an aghaidh àird?” dh’fhaighnich Boban Saor.
“’S ann,” fhreagair na gillean, “Nach robh sruth an aghaidh àird aca nuair a bha iad ga shluigeadh?”
Thill an gille eile. Cha tug e deoch don each aige. Cha d’ fhuair e lorg air àite far an robh sruth an aghaidh àird. “An tug thu deoch dhan each?”
dh’fhaighnich Boban Saor.
“Cha tug,” ars esan, “Cha d’ fhuair mise sruth an aghaidh àird ann.”
“O cha d’ fhuair,” thuirt Boban, “Ma-tà, faodaidh tusa do cheithir rathad fichead a ghabhail. Chan eil turas againne riut.”
Uill, bha sin cruaidh, ach ’s ann mar sin a fhuair Boban Saor a-mach cò an gille nach robh leis-san. Chuir e an gille air falbh. An ath-sheachdain
cluinnidh sinn an aon stòiridh an ìre mhath – ach nach eil buileach cho cruaidh air a’ ghille. Agus bidh sin bho thaobh thall a’ chuain mhòir.