FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Boban Saor Boban Saor

An t-seachdain sa chaidh, thug mi earrann dhuibh de stòiridh.

Audio is playing in pop-over.

Boban Saor

An t-seachdain sa chaidh, thug mi earrann dhuibh de stòiridh. Tha an stòiridh à Miughalaigh. ’S e an t-ainm a tha air an stòiridh Boban Saor. Uill, tha an aon stòiridh – an ìre mhath co-dhiù – a’ nochdadh ann an Canada. Tha e anns an leabhar Tales until Dawn – Sgeul gu Latha leis an sgoilear Ghàidhlig, Iain Seathach. Fhuair Iain tòrr sgeulachdan is naidheachdan bho Eòs MacNìll ann an Ceap Breatainn. Agus tha an stòiridh seo aige mu Bhoban Saor ann an Sgeul gu Latha.

Latha a bha seo, thuirt Boban Saor ri a mhac gun robh iad a’ dol air thuras. Dh’fhaighnich a mhac dheth càite an robh iad a’ dol. Thuirt Boban Saor gun robh iad a’ dol a dh’fhalbh gus an ruigeadh iad an t-àite anns an robh an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich. Tha sin a’ ciallachadh “until they reached the place where the water was running against the slope ie uphill”. Gus an ruigeadh iad an t-àite anns an robh an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich.

Bha iad a’ marcachd. Bha dìreach aon each aca. Chaidh iad pìos agus thàinig iad gu allt. Bha am fear òg a’ coimhead airson àite anns an robh an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich.

Dh’iarr Boban Saor air a’ ghille e thighinn air làr. Leig iad leis an each a dhol sìos a ghabhail deoch anns an allt. Bha an gille na sheasamh, a’ coimhead air an each. Thuirt e ri athair, “Faodaidh sinn tilleadh.”

“Carson a dh’fhaodas sinn tilleadh?” thuirt athair.

“O,” ars’ am fear òg, “ràinig sinn an t-àite anns a bheil an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich. Seall mar a tha an t-uisge a’ dol suas ann an amhaich an eich.”

“Tha sin fìor” arsa Boban Saor. Thuig e gun robh an gille gu math seòlta.

Dè an stòiridh as fheàrr leibh, eadar Miughalaigh is Ceap Breatainn? Ann am fear Mhiughalaigh, bha an gille mì-fhortanach. Anns an stòiridh à Ceap Breatainn, tha e glic. Tha Boban Saor a’ nochdadh ann an grunn stòiridhean Gàidhlig, ann an Alba agus ann an Canada. Innsidh mi stòiridh eile dhuibh an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 133 An Litir Bheag 133 An Litir Bheag 135 An Litir Bheag 135

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!