Tha stòiridh eile agam dhuibh an t-seachdain seo air Boban Saor – agus am fear mu dheireadh dhiubh. ’S e ainm an stòiridh seo Mar a Fhuair Mac Bhoban Saor a Bhean. Chaidh a chruinneachadh an dà chuid ann an Alba agus ann an Alba Nuadh.
Bha Boban Saor ag iarraidh air a’ ghille aige pòsadh. Agus bha an gille aige deònach gu leòr. Latha a bha seo, chuir Boban Saor an gille aige don fhèill
chaorach le dà chaora – airson an reic. “Nuair a chì thu duine,” thuirt athair ris, “can ris gu bheil thu a’ coimhead airson cuideigin a cheannaicheas na
caoraich. Bidh e a’ pàigheadh air an son – no pàirt dhiubh – agus bheir e air ais dhut iad air an làrna-mhàireach.”
Dh’fhalbh an gille a dh’ionnsaigh na fèille. Fada no goirid an t-astar a shiubhail e, thàinig e don fhèill. Thàinig feadhainn far an robh e. Dh’fhaighnich
iad, “A bheil thu a’ reic nan caorach?”
“Tha,” ars esan.
“Dè tha thu ag iarraidh orra?”
“Tha a leithid seo de phrìs,” thuirt e. “Feumaidh sibh pàirt dhiubh a cheannach ach na caoraich fhèin a thoirt air ais dhomh a-màireach.”
“Ciamar a cheannaicheas mi bhuat iad,” bha na daoine eile ag ràdh, “agus tu fhèin gam faighinn air ais a-rithist?” Cha robh iad deònach na caoraich a
cheannach.
Dh’fheuch an gille fad an latha. “Dè tha thu ag iarraidh orra?” bha cuid a’ faighneachd dheth.
“Tha a leithid seo de phrìs,” thuirt e. “Feumaidh sibh pàirt dhiubh a cheannach ach na caoraich fhèin a thoirt air ais dhomh a-màireach.”
Tuigidh sibh nach robh an gille soirbheachail. Thàinig deireadh na fèille, agus bha na caoraich aige fhathast. Thòisich e air an rathad dhachaigh leis na
caoraich. Bha e a’ dol seachad air taigh agus thàinig boireannach òg a-mach.
“Cha chreid mi,” ars ise, “gun do reic thu na caoraich agad.”
“Cha do reic,” thuirt an gille. “Bha mi a’ coimhead airson cuideigin a bhiodh a’ ceannach pàirt de na caoraich bhuam. Bhiodh iad a’ pàigheadh airson sin
agus bheireadh iad na caoraich air ais dhomh a-màireach.”
“Ceannaichidh mise pàirt de na caoraich sin,” ars am boireannach. “Saodaich iad don chrò ud agus thig a-steach ’s gum faigh thu do bhiadh.”
“Glè mhath, ma-thà,” fhreagair an gille. Shaodaich e na caoraich don chrò agus dh’fhalbh e a-steach. Ghabh e a bhiadh agus cheannaich am boireannach pàirt
de na caoraich bhuaithe, is thug i an t-airgead dha. Thuirt i ris gum fuiricheadh e airson na h-oidhche oir bha e ro sgìth airson tilleadh dhachaigh. Rinn
e sin agus, fhad ’s a bha e na chadal, chaidh ise a-mach don chrò agus rùisg i na caoraich. Anns a’ mhadainn bha na caoraich deiseil airson a dhol
dhachaigh leis. Bha e dìreach mar a thuirt athair. Phàigh i mu thràth airson na clòimhe – pàirt de na caoraich, ceart gu leòr.
Thill an gille dhachaigh leis na caoraich. Dh’fhaighnich Boban Saor dheth ciamar a chaidh dha, agus dh’innis e mar a thachair.
“Glè cheart,” ars am bodach. “Falbhaidh tu a-màireach agus ruigidh tu an taigh aig a’ bhoireannach sin agus bheir thu tairgse pòsaidh dhi. Tha mi an dòchas,” ars esan, “gun aontaich i do phòsadh.”
Agus sin mar a bha. Dh’fhalbh mac Bhoban Saor agus ràinig e an t-àite far an robh am boireannach òg a bha seo. Thug e tairgse pòsaidh dhi agus bha i
deònach gu leòr a ghabhail. Thàinig iad dhachaigh ’s rinneadh banais. Agus sin mar a fhuair mac Bhoban Saor am boireannach seòlta.