Bha mi ag innse dhuibh mu dhà bheathach annasach anns an Litir mu dheireadh. Chan e gu bheil na h-ainmhidhean annasach annta fhèin, ach gu
bheil iad car neo-àbhaisteach far a bheil iad – air eileanan Loch Laomainn. B’ iad an dathas agus seòrsa de ualabai.
Mus fhàg sinn Loch Laomainn agus a chuid bheathaichean, tha mi airson innse dhuibh mu chreutair eile – eun – a tha a’ fuireach ann. Cha chanadh tu gu bheil
e annasach ach, gu dearbh, chan eil e pailt ann an Alba. ’S e sin an capall-coille.
Bha mi a’ leughadh leabhar an latha eile anns an robh iomradh air Loch Laomainn. ’S e an leabhar “Highways and Byways in the West Highlands” leis
an eòlaiche-nàdair, Seton Gòrdan nach maireann. Chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an naoi ceud deug, trithead ’s a còig (1935). Uaireigin roimhe sin,
chaidh an t-ùghdar gu ruige Innis Caillich ann an Loch Laomainn. Bha e air cluinntinn gum biodh grunn chapall-coille a’ cur seachad na h-oidhche air na
craobhan-giuthais anns an eilean. Gach oidhche bhiodh iad a’ falbh o thìr-mòr, agus a’ dèanamh air an eilean.
Ro dhol fodha na grèine, chaidh Gòrdan agus a chompanaich a-mach don eilean. Dhìrich iad don choille far a bheil na craobhan-giuthais. Dh’fhuirich iad an
sin gu sàmhach, a’ feitheamh gus an nochdadh na h-eòin. Dh’fhàs a’ ghealach agus na rionnagan soilleir anns na speuran. Dh’fhàs an t-adhar dorch. Ach cha
do nochd na capaill-choille.
Nuair a bha mise ann an Loch Laomainn cha do dh’fheuch mi ri capall-coille a lorg. Ach, a rèir choltais, tha iad fhathast ann. Tha co-dhiù aon eilean ann
far am bi iad a’ nochdadh. Eadar naoi ceud deug naochad ’s a còig (1995) agus naochad ’s a naoi (1999), lorgadh – sa chuibheas – naoi
capaill-choille anns an eilean sin aig àm a’ chunntaidh gach bliadhna. Tha sin a’ riochdachadh trithead ’s a seachd eòin anns gach cileameatair ceàrnagach
– an tricead as àirde ann an Alba.
Bha mi a’ fuireach ann an Innis Mhearain – an t-eilean as motha anns an loch. Bidh fios aig cuid agaibh, ’s dòcha, gu bheil àite san eilean airson
rùisgtearan. Uill, tha mi airson a ràdh gun robh mo chuid aodaich orm fad na h-ùine! Agus chan fhaca mi duine a bh’ air a chaochladh!
Tha Innis Mhearain – no Inchmurrin – a’ faighinn ainm bhon Naomh Mearain aig an robh caibeal anns an eilean. ’S e an naomh a tha gu mòr
co-cheangailte ri Pàislig – Saint Mirren ann am Beurla. Tha sgioba ball-coise ann am Pàislig a tha a’ giùlain ainm.
’S e àite laghach a th’ ann an Innis Mhearain, agus bidh mòran aig a bheil bàtaichean a’ tadhal air oir tha taigh-òsta ann. Tha feadhainn a tha a’ fuireach
ann an sàs ann an sgitheadh-uisge. Uill, carson nach bitheadh, agus àite freagarrach taobh a-muigh an taigh aca.
Bha seann charaid dhomh a bhuineadh don Chomraich, nach eil beò tuilleadh, na phoileas ann an Lus air bruach Loch Laomainn an dèidh a’ Chogaidh. Abair na
stòiridhean a dh’innis e dhomh mu bhith a’ coimhead airson daoine a bh’ air a dhol a dhìth anns an loch. Uaireannan cha d’ fhuair iad lorg idir air na
cuirp aca. B’ fheàrr leam gun robh mi air na stòiridhean aige a chlàradh oir is beag a’ chuimhne a th’ agam orra a-nise.