Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh “Diarmaid agus Gràinne” an-diugh. Bha Diarmaid air cur às don torc nimhe air Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh.
Ach bha fios aig Fionn, ged as e gaisgeach làidir a bh’ ann an Diarmaid, gun robh aon laigse aige. Bha ball-dòbhrain aige air bonn a choise. Nam faigheadh
calg aig torc a-steach ann, bhiodh sin ag adhbharachadh a bhàis.
Dh’iarr Fionn air Diarmaid dhol air ais gu far an robh closach an tuirc.
“ A Dhiarmaid,” thuirt e, “tomhais an torc. Cia mheud troigh bho shoc da shàil?” A bheil sibh a’ tuigsinn nam faclan sin? From its snout to its heel. Bho shoc da shàil.
Bha Fionn ag iarraidh gum biodh Diarmaid a’ tomhas fad an tuirc le chasan, agus e casruisgte. Rinn e sin bho shoc da shàil. Ach bha sin leis an fhionnadh.
Tha sin a’ ciallachadh with the lie of the hair or bristles. Leis an fhionnadh.
“Tha e sia troighean deug,” thuirt Diarmaid. ’S e torc air leth mòr a bh’ ann!
“Tomhais an torc a-rithist,” thuirt Fionn. “An turas seo an aghaidh an fhionnaidh.” Tha sin a’ ciallachadh against the lie of the bristles. An
aghaidh an fhionnaidh.
Rinn Diarmaid sin ach, an turas seo bhris bior cuilg am ball-dòbhrain air bonn a choise. Thuit e. Shaoileadh tu gum biodh Fionn toilichte. Ach ghabh e
aithreachas mu na rinn e. “Dè dhèanadh na b’ fheàrr thu, a Dhiarmaid,” thuirt e.
“Nam faighinn deoch uisge à bas Fhinn, bhithinn na b’ fheàrr,” fhreagair Diarmaid.
Dh’fhalbh Fionn a dh’iarraidh uisge. Cha robh fad’ aige ri dhol. Thog e an t-uisge na làmhan. Ach nuair a smaoinicheadh e air Gràinne,
bhiodh e a’ dòrtadh an uisge. Nuair a bhiodh e a’ smaoineachadh air Diarmaid, agus an gaisgeach sin ann an èiginn, gheibheadh e tuilleadh
uisge. An uair sin bhiodh e a’ smaoineachadh air Gràinne a-rithist agus dhòirteadh e an t-uisge. Cha robh fios aige dè dhèanadh e. Bha e eadar long is laimrig.
Chuir an dàil às do Dhiarmaid. Mus do thill Fionn dha ionnsaigh le uisge, bha e marbh. Thill Fionn is a chompanaich don allt far an do choinnich iad ri
Diarmaid anns a’ chiad dol a-mach. Choisich iad suas ri taobh an uillt.
Ràinig iad an taigh far an robh Gràinne. Chaidh iad a-steach. Chunnaic iad gun robh dà leabaidh ann. Thuig iad gun robh leapannan air leth aig an dithis.
Thuig iad gun robh Diarmaid neo-chiontach. Bha iad anabarrach duilich mu na thachair.
Tha cuid ag ràdh gun do ghabh Gràinne làmh na beatha fhèin. Tha cuid eile a’ dèanamh dheth gun robh Fionn is a chompanaich cho feargach le Gràinne ’s gun
do thog iad teine de ghlas-darach agus gun do loisg iad Gràinne gu bàs anns an teine.
Mu choinneimh Beinn Ghulbain tha tom air a bheil Bad an Lòin. Agus air pìos dheth sin tha, air na mapaichean chun an latha an-diugh, àite air a bheil The Tomb – an tuam. A rèir beul-aithris, ’s e seo làrach na h-uaghach aig Diarmaid. Chaidh ceithir tursachan a chur suas ann. Agus ma thèid thu gu
ceann an ear nan tursachan, is ma choimheadas tu sìos an loidhne a tha iad a’ dèanamh, uill, tha e coltach gu bheil iad a’ comharrachadh an àite far an do
mharbh Diarmaid torc nimhe Beinn Ghulbain o chionn ceudan mòra bhliadhnaichean.