Bha sinn ann an Gleann Sìdh an t-seachdain sa chaidh. Agus tha sinn ann fhathast. Tha àite ann air a bheil Finegand ann am Beurla. ’S e sin Fèith
nan Ceann. Seo mar a dh’èirich an t-ainm.
Bha oifigearan siorraim anns an sgìre airson cìsean a thogail bho na daoine. Chaidh iad gu taigh aig banntrach. Bha am boireannach gu math bochd. Ach cha robh co-fhaireachdainn aig na h-oifigearan siorraim dhi. Bha glè bheag de dh’airgead aig a’ bhoireannach ri làimh. Mar sin, thug na
h-oifigearan leotha an sprèidh gu lèir aice, agus tòrr rudan luachmhor eile. Bha am boireannach troimh-chèile.
Chuir i fios gu ceann-cinnidh Chlann ’ic Thomaidh. Tha esan air a chuimhneachadh mar MacThomaidh Mòr. Chuir esan feachd ri chèile, agus chaidh iad a
dh’ionnsaigh taigh a’ bhoireannaich. Chan eil fhios agam dè an t-ainm a bh’ air an fhèith ris an canar Fèith nan Ceann an-diugh. Ach bha drochaid thairis
oirre. Agus ’s ann aig an drochaid a thachair an dà bhuidhinn ri chèile.
Thòisich argamaid eatarra. Lean sabaid air an argamaid. Chaidh fear de luchd-togail nan cìsean a mharbhadh, chaidh feadhainn eile a leòn agus ghèill càch.
Ach rinn fear dhiubh mearachd. “A MhicThomaidh Mhòir,” thuirt e, “is sinne muinntir an Rìgh agus bheir sinn fianais nad aghaidh.”
Fhreagair MacThomaidh Mòr, “Cha bhi luchd-fianais ann.” Thug e òrdugh do na daoine aige na h-oifigearan siorraim gu lèir a mharbhadh. An uair sin, dh’iarr
e orra cinn nam marbh a ghearradh dhiubh. Thug e òrdugh an uair sin na cinn a thilgeil don fhèith. Thathar ag ràdh gun do dh’èigh e, “Snàmhaibh air ais dur maighstirean ann an Dùn Èideann agus innsibh dhaibh dè thachras do na mèirlich a chuireas iad a Ghleann Sìdh.” Bhon uair sin, ’s e
Fèith nan Ceann a bha daoine a’ gabhail air an fhèith sin.
Thathar ag ràdh gun do sheachainn luchd-togail nan cìsean Gleann Sìdh airson ùine mhòr às dèidh sin. Ach bha droch bheachd aig an riaghaltas air Clann ’ic
Thomaidh. Aig a’ cheann thall, fhuair iad dìoghaltas. Chaill Clann ’ic Thomaidh am fearann aca sa ghleann. Agus dh’atharraich mòran an ainmean, a rèir
beul-aithris co-dhiù. Ann am Beurla ’s e MacCombie a chanadh iad riutha. Chan eil an t-ainm sin cho cumanta an-diugh. ’S e MacThomas, Thomson, Thoms is Thomas a chanadh mòran riutha fhèin ann am Beurla gus nach biodh daoine ag aithneachadh cò às a thàinig iad.
Ceithir mìle gu tuath air Fèith nan Ceann tha àite air a bheil, ann am Beurla, Spittal of Glenshee. Ann an Gàidhlig, ’s e sin Spideal Ghlinn Sìdh.
’S dòcha gum faca sibh an t-ainm sin ann an àiteachan eile – Spideal. Tha Dalsnapidal faisg air Dail Chuinnidh. ’S e sin Dail na Spideil. Tha
Spideal a’ ciallachadh àite far am faigheadh luchd-siubhail cuid na h-oidhche. Agus sin far an robh mi fhìn a’ fuireach na h-oidhche nuair a bha mi sa
ghleann. Tha e na spideal fhathast.
Cha chreid mi nach eil am facal a’ tighinn bho thùs bhon Laidinn hospitium. ’S ann às a sin a thàinig am facal ospadal cuideachd agus,
ann am Beurla, hospital is hospice. Faisg air an Spideal ann an Gleann Sìdh tha beinn a tha gu math ainmeil ann an eachdraidh is dualchas
na Gàidhealtachd. Is ise Beinn Ghulbain. Tha i co-cheangailte ri tè de na sgeulachdan as ainmeile a th’ againn. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn sin an
ath-sheachdain.