FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Finegand Fèith nan Ceann

Bha sinn ann an Gleann Sìdh an t-seachdain sa chaidh.

Audio is playing in pop-over.

Fèith nan Ceann

Bha sinn ann an Gleann Sìdh an t-seachdain sa chaidh. Agus tha sinn ann fhathast. Tha àite ann air a bheil Finegand ann am Beurla. ’S e sin Fèith nan Ceann. Seo mar a dh’èirich an t-ainm.

Bha oifigearan siorraim anns an sgìre. Bha iad a’ togail chìsean. Chaidh iad gu taigh aig banntrach. Bha i bochd. Bha glè bheag de dh’airgead aig a’ bhoireannach ri làimh. Thug na h-oifigearan leotha an sprèidh aice. Bha am boireannach troimh-chèile.

Chuir i fios gu ceann-cinnidh Chlann ’ic Thomaidh. Thug esan daoine leis. Thachair an dà bhuidhinn ri chèile aig an drochaid thairis air an fhèith. Thòisich argamaid. Bha sabaid ann. Chaidh fear de na h-oifigearan a mharbhadh. Ghèill càch. Ach rinn fear dhiubh mearachd. “A MhicThomaidh Mhòir,” thuirt e, “is sinne muinntir an Rìgh agus bheir sinn fianais nad aghaidh.”

Fhreagair MacThomaidh Mòr, “Cha bhi luchd-fianais ann.” Thug e òrdugh na h-oifigearan siorraim a mharbhadh. Thug e òrdugh cinn nam marbh a ghearradh dhiubh. Thug e òrdugh eile na cinn a thilgeil don fhèith. Bhon uair sin, ’s e Fèith nan Ceann a bh’ air an fhèith sin.

Bha droch bheachd aig an riaghaltas air Clann ’ic Thomaidh. Aig a’ cheann thall, fhuair iad dìoghaltas. Chaill Clann ’ic Thomaidh am fearann aca.

Ceithir mìle gu tuath air Fèith nan Ceann tha àite air a bheil, ann am Beurla, Spittal of Glenshee. Ann an Gàidhlig, ’s e sin Spideal Ghlinn Sìdh. ’S dòcha gum faca sibh an t-ainm sin ann an àiteachan eile – Spideal. Tha Dalsnapidal faisg air Dail Chuinnidh. ’S e sin Dail na Spideil. Tha Spideal a’ ciallachadh àite far an robh luchd-siubhail a’ faighinn cuid na h-oidhche. ’S e sin biadh is leabaidh.

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil am facal a’ tighinn bhon Laidinn hospitium. Thàinig am facal ospadal bhon aon fhreumh. Agus, ann am Beurla, hospital is hospice. Faisg air Spideal Ghlinn Sìdh tha beinn a tha ainmeil. Is ise Beinn Ghulbain. Tha i co-cheangailte ri tè de na sgeulachdan as ainmeile a th’ againn. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn sin an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 107 An Litir Bheag 107 An Litir Bheag 109 An Litir Bheag 109

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!