FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Clach a’ Choilich

O chionn ghoirid bha mi air taobh an ear na

Audio is playing in pop-over.

Clach a’ Choilich

O chionn ghoirid bha mi air taobh an ear na Gàidhealtachd, ann an Gleann Sìdh. ’S e àite brèagha a th’ ann le beanntan àrda, garbha. Tha dualchas gu math Gàidhealach aig an sgìre, ged gur gann a chluinnear an cànan fhèin an-diugh. Tha na h-ainmean-àite gu math Gàidhealach. Mar eisimpleir, chaidh mi suas gleann air a bheil An Gleann Taitneach. Air latha brèagha tha mi cinnteach gu bheil an t-ainm glè cheart. Bhiodh e taitneach dha-rìreabh.

Bha mòran a’ fuireach anns a’ ghleann uaireigin. Bhuineadh iad do Chloinn ’ic Thomaidh. Ged a chaidh an sliochd fad is farsaing, bidh an comann aca – the Clan MacThomas Society mar a chanar riutha ann am Beurla – a’ dol a Ghleann Sìdh a h-uile bliadhna air an treas deireadh-sheachdain dhen Lùnastal. Bidh iad a’ cruinneachadh timcheall clach air a bheil Clach a’ Choilich. Agus tha mi a’ tuigsinn gum bi iad a’ gabhail bhòidean de dhìlseachd don cheann-chinnidh aca an sin – dìreach mar a bhiodh an sinnsirean. Anns an t-seann aimsir, bhiodh an ceann-cinnidh a’ toirt seachad a bheachd air iomadach gnothach, agus e na sheasamh air a’ chloich.

Tha stòiridh ann mu mar a fhuair a’ chlach a h-ainm – Clach a’ Choilich. Ghluais duin-uasal à Bàideanach a Ghleann Sìdh anns a’ chòigeamh linn deug. B’ esan Tomaidh Mòr. Agus ’s ann bhuaithesan a fhuair an cinneadh ainm – MacThomaidh. Bha iad a’ fuireach còmhla faisg air a’ chloich seo. Cha robh iad air a bhith ann uabhasach fada, agus oidhche a bha seo chualas coileach a’ gairm. Bha seo ann an dorchadas na h-oidhche, chan ann aig a’ chamhanaich mar a bhiodh dùil. Bha an coileach na sheasamh air mullach na cloiche. Dhùisg e muinntir a’ bhaile. Dh’èirich iad uile oir bha iad a’ smaoineachadh gun robh rudeigin ceàrr. Agus bha. Bha daoine a’ dèanamh orra le droch rùn.

Air sàilleabh gairm a’ choilich, rinn Clann ’ic Thomaidh a’ chùis air an nàimhdean. Thachair seo ann an àite ris an canar Finegand ann am Beurla. Finegand. Fhad ’s a bha mi ann, leugh mi gur e gun do chaill feadhainn an cinn ann anns an t-siathamh linn deug a bu choireach ris an ainm. Ach, gu dearbh, cha robh mi a’ faicinn dad anns an ainm a bha ag innse sin dhomh. Anns an t-siathamh linn deug, gu cinnteach cinnteach, ’s e ainm Gàidhlig a bhiodh ann.

Fhuair mi a-mach gun tàinig Finegand bho Fèith nan Ceann. Fèith nan Ceann. The bog-stream of the heads. A, uill, thuirt mi rium fhìn, feumaidh gu bheil an stòiridh ceart. Agus seo, a rèir beul-aithris, mar a thàinig an t-ainm gu bith.

Bha oifigearan siorraim anns an sgìre airson cìsean a thogail. Bha an dòigh aig na h-ùghdarrasan aig an àm ud, airson airgead a thogail, gu math eadar-dhealaichte bho na th’ aca a-nise. Bhiodh còmhlan a’ dol gu sgìre, agus armachd aca. Bhiodh iad a’ tadhal air a h-uile taigh, ag iarraidh orra airgead a thoirt seachad sa spot. Mura robh an t-airgead aca, bhiodh na h-oifigearan a’ toirt leotha sprèidh no rudan eile. Bhiodh iad a’ reic nan rudan sin airson an t-airgead fhaighinn.

Nam biodh barrachd airgid aca bhon reic na bha a dhìth, bha còir aca an còrr a thoirt air ais do na daoine. Ach gu math tric, cha tug. Mar sin, bha fìor dhroch bheachd aig a’ mhòr-shluagh air muinntir nan cìsean. Chì sinn an ath-sheachdain mar a thachair ann am Fèith nan Ceann is mar a fhuair an t-àite ainm.

Litir 410 Litir 410 Litir 412 Litir 412

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!