FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Àird Chlach (2)

Bha sinn ann an Àird Chlach an t-seachdain sa chaidh

Audio is playing in pop-over.

Àird Chlach (2)

Bha sinn ann an Àird Chlach an t-seachdain sa chaidh – gu deas air Inbhir Narann. Bha mi ag innse dhuibh mun tarbh-uisge ann an Loch Buaile Fhiodhaid. Aig amannan, bhiodh an tarbh-uisge a’ fàgail an locha, agus e miannach air feòil dhaoine. B’ urrainn dha a dhreach atharrachadh. Feasgar brèagha a bha seo, dh’fhàg e an loch le coltas eich air – each a bha brèagha, solt. Bha diollaid is srian air.

Chunnaic e buidheann de chloinn a’ dol tarsainn nam boglaichean faisg air an loch. Chunnaic a’ chlann an t-each brèagha. Chaidh iad dha ionnsaigh. Leig an t-each leis a’ chloinn grèim a ghabhail air an t-srian aige. Leig e leotha dhol air a mhuin. Bha a’ chlann cho sona ris an Rìgh. Cha robh amharas sam bith orra nach e each ceart a bh’ ann.

Nuair a bha a’ chlann a’ marcachd air, chaidh e faisg air lochan beag dubh. Bhathar ag ràdh mun lochan sin gun robh e uabhasach fhèin domhainn. Bhathar ag ràdh cuideachd gun robh e ceangailte ri Loch Buaile Fhiodhaid tro amaran dìomhair fon talamh. Gu h-obann, leum an t-each a-steach don lochan agus chaidh e à fianais. Thug e a’ chlann leis. An uair sin dh’atharraich e a dhreach air ais gu bhith na tharbh-uisge. Dh’ith e a’ chlann sa bhad. Thachair seo o chionn fhada ach aig toiseach an fhicheadamh linn, bhiodh cuid de sheann duine san sgìre fhathast a’ gabhail “Loch na Cloinne” air an lochan sin.

Cha robh an tarbh-uisge an-còmhnaidh cunnartach, ge-tà. Air làithean teth samhraidh, bhiodh e a’ tighinn a-mach ag ionaltradh faisg air an loch. Uaireannan bhiodh e a’ dol a chadal ann an blàths na grèine. Bha spòrs an uair sin aig na gillean. Bhiodh gille a’ feuchainn ri faighinn faisg air an tarbh-uisge gun fhiosta don bheathach. Nam faigheadh e faisg gu leòr, bhiodh e a’ tarraing gaoisidean far bian an tairbh mus biodh fios aig a’ chreutair dè bh’ air tachairt!

Bhiodh muinntir Àird Chlach ag ràdh mu dheidhinn duine a rinn sin gum biodh beatha mhath aige. Bhiodh airgead gu leòr aige is gheibheadh e deagh bhean. Bhiodh teaghlach mòr aige agus bheireadh e buaidh air nàmhaid sam bith a thigeadh na rathad. Ach chan eil sin a’ ciallachadh gum biodh a h-uile càil rèidh. Chan fhàgadh e an saoghal gu sìtheil. Gheibheadh e bàs ann an tubaist obann, uabhasach.

Cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh gur e nàdar de tharbh a bh’ ann, ged a bha e a’ fuireach fon uisge. Bhiodh e a’ fàs aonaranach anns an dachaigh aige. Bho àm gu àm bhiodh e a’ falbh a-mach a’ sireadh bò. Gheibheadh e cothrom as t-samhradh nuair a bhiodh treudan de chrodh sa mhonadh, uaireannan gun bhuachaille.

Às an aonadh eadar bò talmhainn agus tarbh-uisge thigeadh laoigh a bha furasta gu leòr aithneachadh. Bha na cluasan aca eagach, bha na h-earbaill aca goirid agus bha a’ bhian aca riabhach. Agus bha na ladhran aca dubh is gleansach. Bha coltas car fiadhaich air na sùilean aca cuideachd.

Bha dà laogh dhen t-seòrsa sin aig tuathanach. Thàinig an samhradh. Dh’iomain an tuathanach na laoigh gu talamh ionaltraidh. Ach mhothaich e gu robh an dà laogh le càirdeas don tarbh-uisge a’ fàs mì-shocrach. Latha a bha seo, theich iad. Ruith an tuathanach is a chompanaich às an dèidh ach bha iad ro luath. Ràinig iad Loch nan Doirb gun sgìths sam bith orra, leum a-steach don loch agus chan fhacas tuilleadh iad.

Litir 403 Litir 403 Litir 405 Litir 405

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!