Bha sinn ann an Àird Chlach an t-seachdain sa chaidh. Tha an sgìre sin gu deas air Inbhir Narann. Bha mi ag innse dhuibh mun tarbh-uisge. Bha e a’ fuireach
ann an Loch Buaile Fhiodhaid. Aig amannan, bha an tarbh-uisge a’ fàgail an locha. Bha e cunnartach an uair sin. Bha e ag ithe dhaoine.
Uaireannan, ge-tà, cha robh coltas tairbh air. Bha coltas eich air. Latha a bha seo, dh’fhàg e an loch. Bha coltas eich air. Bha diollaid is srian air.
Chunnaic e clann faisg air an loch. Chunnaic a’ chlann each brèagha. Bha iad toilichte. Leig an t-each leis a’ chloinn marcachd air. Cha robh fios aig a’
chloinn nach e each ceart a bh’ ann.
Nuair a bha a’ chlann a’ marcachd air, chaidh an t-each – an tarbh-uisge – faisg air lochan beag dubh. Bha an lochan sin uabhasach domhainn. Bha na daoine
ag ràdh gun robh e ceangailte ri Loch Buaile Fhiodhaid fon talamh. Leum an t-each a-steach don lochan. Thug e a’ chlann leis. Dh’ith e a’ chlann.
Cha robh an tarbh-uisge an-còmhnaidh cunnartach. Air làithean teth samhraidh, bha e a’ faighinn cadal faisg air an loch. Bha spòrs aig na gillean an uair
sin. Bha iad a’ faighinn faisg air an tarbh-uisge, agus e na chadal. Bha iad a’ tarraing gaoisidean far an tairbh agus a’ ruith air falbh!
Bha an tarbh-uisge a’ fàs aonaranach uaireannan. Bho àm gu àm bha e a’ falbh a-mach a’ sireadh bò. Bha cothrom aige as t-samhradh. Bha an crodh sa mhonadh
an uair sin.
Bha laoigh annasach a’ tighinn às an aonadh eadar tarbh-uisge agus bò. Bha na cluasan aca eagach. Bha na h-earbaill aca goirid. Agus bha na ladhran aca
dubh is gleansach. Bha coltas fiadhaich air na sùilean aca cuideachd.
Bha dà laogh dhen t-seòrsa sin aig tuathanach. Thàinig an samhradh. Bha an crodh sa mhonadh. Mhothaich an tuathanach gu robh an dà laogh a’ fàs
mì-shocrach. Latha a bha seo, theich iad. Ruith an tuathanach às an dèidh. Ach bha na laoigh ro luath. Ràinig iad Loch nan Doirb. Leum iad a-steach don
loch. Chan fhaca duine a-rithist iad.