Cha ghabhadh Tormod MacLeòid airgead bhon t-sluagh airson an cuid cloinne a theagasg anns an sgoil. Chan e tuarastal an eich a fhuair e na bu mhò. ’S e an duais a fhuair e obair. Bhiodh na fir aig an robh clann san sgoil a’ dèanamh obair
do Thormod air an lot aige. Carson a bha sin? Carson nach robh Tormod ag iarraidh airgead bho na daoine? Tha cuid dhen bheachd gur e as coireach gu robh
Tormod airson a bhith os cionn chàich. Bha e airson a bhith na cheannard dhaibh. Nam faigheadh e airgead bhuapa bhiodh e coltach ri searbhant. Ach le bhith
a’ toirt orra obair a dhèanamh air an fhearann aige, b’ esan am maighstir.
Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, tha mòran dhen bheachd gun tug Tormod buaidh mhath air suidheachadh na Gàidhlig anns an sgìre. Le bhith a’ teagasg anns
a’ chànan, thug e bonn-stèidh dhi nach robh air a bhith aice nan robh a’ chlann a’ faighinn foghlam ann am Beurla. Uaireannan bhiodh clann a’ dol dhachaigh
bhon sgoil aige is a’ leughadh a’ Bhìobaill Ghàidhlig do phàrantan aig nach robh comas leughaidh. Cha robh Gàidheil na sgìre a’ coimhead air a’ Ghàidhlig
mar rud suarach, ach mar rud urramach.
Bha Tormod gu mòr airson Là na Sàbaid a chumail mar là adhraidh. Cha robh obair sam bith air a dèanamh air an là sin agus duine sam bith a rachadh an
aghaidh nan riaghailtean aige, bhiodh iad air an càineadh gu dubh bhon chùbaid. Agus, a-rithist, mar mhinistear cha ghabhadh e airgead sam bith bhon
choitheanal. Bhiodh na fir a’ dèanamh obair dha. Am measg na rinn iad dha, thog iad eaglais.
A rèir beul-aithris thachair rudeigin annasach a chuir cliù Thormoid fo sgleò. Bha fear a bha seo a’ coiseachd a dh’ionnsaigh an àite-obrach aige. Air an rathad thachair e ri ceannaiche. Cheannaich e rudan bhon cheannaiche ach cha robh airgead
aige. Bha an t-airgead anns an taigh ann an sporan ann an ciste. Chaidh an dithis air ais don taigh. Thug an duine an sporan a-mach às a’ chiste agus
phàigh e an ceannaiche. Chuir e an sporan air ais agus dh’fhalbh an dithis sìos an rathad.
Às dèidh greis, dhealaich iad bho chèile. Nuair a thill an duine dhachaigh feasgar cha robh sgeul air an sporan. Bha cuideigin air a ghoid. ’S e balach a
bha a’ fuireach an ath dhoras a chaidh a choireachadh. Chaidh a chruaidh cheasnachadh agus chaidh iarraidh air aideachadh gum b’ esan a ghoid an sporan.
Thuirt e, ge-tà, uair is uair, nach robh gnothach sam bith aige ris a’ mhèirle.
Mu dheireadh, thuirt na fir a bha ga cheasnachadh gum biodh e air a ghlasadh anns a’ chladh airson na h-oidhche. Bha an t-eagal mòr air roimhe sin, agus
thuirt e gur esan dha-rìreabh a ghoid an sporan. Thug Tormod MacLeòid binn seachad – binn chruaidh. Bhiodh pàirt de chluas a’ bhalaich air a ghearradh
dheth. Chaidh sin a dhèanamh sa spot. Ghabh mòran anns a’ choimhearsnachd an t-uabhas nuair a chuala iad mu dheidhinn.
Seachdain às dèidh sin, ge-tà, thuirt cuideigin gum fac’ e an ceannaiche a’ dol tro uinneag an taighe air an là a chaidh an sporan a ghoid. Dh’aidich an
ceannaiche gun do thill e don taigh feasgar is gun do ghoid e an sporan.
Thuirt fear-lagha ann an Suidni gum biodh e deònach Tormod a thoirt gu lagh airson na rinn e, ach dhiùlt athair a’ bhalaich sin a dhèanamh. Bhiodh sin,
thuirt e, a rèir aithris, a’ dol an aghaidh Dhè.