Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mun dotair ann am Poll Iùbh ann an Siorrachd Rois o chionn timcheall air ochdad bliadhna. ’S e Miss Rees a bh’ oirre, agus ’s e am fear a bha ga moladh ann am bàrdachd – Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain, a bhuineadh don sgìre ach a bha a’
fuireach ann am Brisbane, ann an Astràilia. Co-dhiù, chan e Miss Rees a-mhàin a bha comasach air leigheas a dhèanamh air duine bochd aig an àm ud, a rèir
na sgrìobh Iain. Sgrìobh e òran do bhrochan.
Bha Coinneach Cemp agus a bhean, Ceit Eilidh, a’ fuireach anns an sgìre. Thug iad cuireadh do dh’Iain agus a bhean beagan làithean a chur seachad còmhla
riutha. Bha Coinneach agus bean Iain càirdeach do chèile. Air a’ chiad oidhche, ge-tà, dh’fhàs Iain tinn le fuachd. Cha robh càil aige airson bracaist agus
bha e uile gu lèir trom-inntinneach. Smaoinich e air cur a dh’iarraidh an dotair.
Ach an àite sin, chuir Ceit gu leabaidh e, chuir i plangaidean air, agus thug i brochan dha. Anns a’ mhadainn air an làrna-mhàireach, bha Iain slàn fallain
a-rithist. Bha e a-riamh a’ cumail a-mach gur e am brochan a rinn an leigheas air agus sgrìobh e òran mu dheidhinn. Seo beagan dheth:
Am brochan luachmhor milis a fhuair mi bho Cheit Eilidh,
Chuir e fuachd air theicheadh fad’ a-mach à m’ fheòil.
Brochan bean Mhic Chemp, a’ bhean àlainn chòir,
Chuir e fuachd gun dàil dhìom, ’s tha mi slàn gu leòr,
Brochan bean Mhic Chemp, a’ bhean àlainn chòir.
Bha e slàinteil sùghar, thug e neart is lùths dhomh,
’S chuir e spionnadh ùr a-steach nam chùislean breòit’.
Brochan bean Mhic Chemp, a’ bhean àlainn chòir,
Chuir e fuachd gun dàil dhìom, ’s tha mi slàn gu leòr,
Brochan bean Mhic Chemp, a’ bhean àlainn chòir.
Dè tha brochan a’ ciallachadh an seo? Bidh cuid a’ gabhail brochan air porridge. Ach, anns a’ cheann a tuath, ’s e lite a chanas daoine
mar as trice airson porridge. Ann a sin, tha brochan, nuair a thathar a’ bruidhinn air biadh co-dhiù, a’ ciallachadh thin gruel – stuth
air a dhèanamh le min-choirce agus uisge goileach. Agus tha Iain a’ cumail a-mach gun do rinn sin an leigheas air.
Bha mi airson a bhith cinnteach mu dheidhinn sin agus chaidh mi don fhaclair dhualchainnteach aig Roy Wentworth nach maireann. Bha Roy mion-eòlach air
Gàidhlig Gheàrrloch. Agus tha am faclair aige a’ dearbhadh gur e lit a chanas muinntir na sgìre sin ri porridge.
An dèidh uisge mòr trom a dh’fhàgas an talamh bog fliuch, canaidh muinntir Gheàrrloch mu dheidhinn leas air cùl an taighe, “t ha e cho fliuch, tha e coltach ri poit lit.” Tha e cho fliuch, tha e coltach ri poit lit.
Agus seo agaibh seanfhacal às an sgìre sin, anns a bheil lite air ainmeachadh. Ma tha sibh fireann, òg agus gun fheusag, tha mi an dòchas nach gabh sibh
dragh. Ged a tha feusag ormsa, chan eil mi ag ràdh gu bheil mi ag aontachadh ris an t-seanfhacal! Co-dhiù seo e: Lite gun salann is balach gun fheusag, an dà rud as bliaine a th’ ann. Lite gun salann is balach gun fheusag, an dà rud as bliaine a th’ ann.
Uill, nuair a tha mi ag ràdh nach eil mi ag aontachadh ris, tha mi ag aontachadh gu tur ris a’ chiad phàirt. Cha chuirinn lite gun salann faisg air mo
bheul. Ach lite le salann – is, feumaidh mi aideachadh, siùcar donn – chan fhaighear nas fheàrr!