Dh’fhàg Calum Iain MacGillEathain, an cruinniche beul-aithris, tòrr chlàran iongantach againn. Nam measg, tha cunntas dhen mhadadh-allaidh mu dheireadh ann an sgìre Shuaineirt, faisg air Sròn an t-Sìthein. Chruinnich Calum agus Francis Collinson an sgeul bho fhear a bhuineadh do Shròn an t-Sìthein, Dòmhnall Mac a’ Phearsain, Dòmhnall Donn, ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a ceithir (1954).
Cha robh Dòmhnall cinnteach dè cho fada air ais agus a thachair bàs a’ mhadaidh-allaidh, ach bha e ga thomhas aig ceithir no còig ceud bliadhna.
Bha daoine anns an sgìre sin dhen bheachd gun robh iad air a h-uile madadh-allaidh a mharbhadh ach aonan. Latha a bha seo, bha boireannach à Àird Ghobhar a’ toirt eallach clòimhe air a druim don mhuileann-chàrdaidh faisg air Sròn an t-Sìthein. B’ e meadhan a’ gheamhraidh a bh’ ann agus thug am boireannach fad an latha coiseachd tro Ghleann nan Gobhar. Bha i leatha fhèin. Bha e air fàs dorch. Chaidh am boireannach a mharbhadh an sin leis a’ mhadadh-allaidh.
Nuair nach do nochd i aig a’ mhuileann-chàrdaidh, chaidh feadhainn a-mach a choimhead air a son. Lorg iad a corp. Bha fhios aca gur e madadh-allaidh a thug bàs dhi. Thug iad a corp gu bothan-àirigh faisg air làimh. Rinn iad caithris na h-oidhche air a corp. Faisg air briseadh an latha chuala iad fuaim agus chunnaic iad am madadh. Bha e a’ feuchainn ri faighinn a-steach don bhothan!
Leum na daoine suas agus ghabh iad pìosan fiodha leth-loisgte bhon teine. Theich am madadh-allaidh romhpa.
Dh’fhalbh feadhainn le corp a’ bhoireannaich airson a thiodhlacadh. Ach dh’fhuirich feadhainn eile shuas anns a’ ghleann airson am madadh a lorg. B’ e an ceannard aca Iain Dhruim an Torrain. Thuirt Dòmhnall Donn gur e ‘fiùran smearail’ a bh’ ann an Iain. Bha cù aige – mialchù gu math comasach – air an robh Torm mar ainm.
Chaidh Iain, Torm agus feadhainn eile is na coin aca a-mach a lorg a’ mhadaidh. Ach cha robh cùisean a’ dol gu math. Thuirt Iain gum biodh e na b’ fheàrr nam biodh iad a’ leigeil leis fhèin agus le Torm a lorg. Tha an sgeulaiche ag innse mun turas a ghabh iad thairis air glinn is beanntan a’ tòiseachadh aig Gleann Mhic Phàil. Tha e ag ainmeachadh tòrr ainmean-àite agus tha feadhainn na chunntas nach nochd idir air mapaichean an latha an-diugh.
ʼS e Torm a lorg am madadh. Bha e aig beul uamha faisg air doire beithe ann an àite gu math iomallach. Nise, ʼs ann aig Iain a bha a’ chiad ghunna-fùdair a thàinig riamh don àird an iar. Loisg Iain urchair air a’ mhadadh. Bha e air a leòn ach cha robh e air a mharbhadh.
Chaidh Iain sìos far an robh am madadh. Seo na thuirt Dòmhnall Donn mu dheidhinn: ‘tharraing e a chorc-seilg à osan a’ chalpa [agus] chuir e crìoch dheireannach air a’ mhadadh-allaidh mu dheireadh a bha an Suaineart ... thog e am madadh air a dhruim ’s … chroch e air craobh e ... faisg air an àite ris an abrar Àth na h-Èilde’.