FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Faclan airson 'uisge'

Dè am prìomh fhacal a th’ ann airson water ann an Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh – ann am fìor cheann a tuath na h-Alba?

Audio is playing in pop-over.

Faclan airson 'uisge'

Dè am prìomh fhacal a th’ ann airson water ann an Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh – ann am fìor cheann a tuath na h-Alba? Nan canadh sibh uisge, bhiodh sibh ceàrr. Ged a thuigeas na daoine am facal uisg’, ʼs e am prìomh fhacal a th’ aca airson water – bùrn. Chan ann a-mhàin ann an Leòdhas agus Na Hearadh a chluinneas sibh bùrn ach ann an cuid de dh’àiteachan air tìr-mòr cuideachd.

Tha faclair air mo bheulaibh an-dràsta – Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh leis an sgoilear dhualchainntean, Seumas Grannd. Airson ‘did you drink the water?’, tha an d’ òl thu am bùrn? Airson ‘a drink of water’, tha deoch de bhùrn.

Nas fhaide deas ann an sgìre Gheàrrloch, ʼs e uisge am facal cumanta airson water. Ach nochdaidh bùrn cuideachd gu h-àraidh anns an t-Srath ann an Geàrrloch. An sin, cha bhi bùrn a’ seasamh airson an uisge a thuiteas às an adhar. Anns an fhaclair mhòr aige mu dhualchainnt Gheàrrloch, tha am faclairiche Roy Wentworth a’ toirt na h-abairt seo dhuinn: Cha chanadh sinn ‘bùrn’ ri uisg’ an adhair idir ‘we would never call rain ‘bùrn’.

Chan eil e co-ionann ann an Dùthaich MhicAoidh, ge-tà. Anns na h-abairtean co-cheangailte ri rain anns an fhaclair aig Seumas Grannd, tha seo: tha e a’ bùrn ‘it’s raining’; tha e a’ dul do bhùrn ‘it’s going to rain’; bùrn mìn no smùid de bhùrn ‘drizzle’; bùrn aotrom ‘light rain’; bùrn dubh ‘torrential rain’; bùrn nan seachd siantan ‘driving rain’.

Tha an Litir gu bhith rudeigin uisgeach no bùrnach an-diugh. Tha mi airson sùil a thoirt air faclan is abairtean co-cheangailte ri uisge.

Anns an t-seann Ghàidhlig, bha am facal dobhar ann. Tha sin ceangailte ris an fhacal Chuimreach dŵr airson uisge. Chan eil dobhar beò ann an cainnt làitheil nan Gàidheal an-diugh ach tha e ann an ainmean-àite agus ann am faclan co-cheangailte ri nàdar. Tha mi a’ smaoineachadh air dobhar-chù airson otter agus dobhar-lus airson watercress.

Ann an cuid de sgìrean tha uisge cuideachd a’ ciallachadh ‘abhainn’. Canaidh sinn Uisge Spè airson [the] River Spey agus Uisge Tatha airson [the] River Tay. Agus bidh sinn a’ cleachdadh ‘uisge’ uaireannan airson freshwater. Canaidh sinn ‘loch-uisge’ airson freshwater loch agus ‘loch-mara’ airson sea loch. Ma tha sinn airson a bhith uile-gu-lèir soilleir gur e freshwater a th’ ann, canaidh sinn fìor-uisge. Loch fìor-uisge ‘a freshwater loch’.

Tha facal eadar-dhealaichte againn airson seawater no salt water - ʼs e sin sàl. Tha Seumas air sàl ‘James is at sea’. Tha am bàta a’ leum thar an t-sàl ‘the boat is skipping over the sea’. Ach cluinnidh sibh ‘uisge’ cuideachd ann an co-cheangal ris a’ mhuir – leithid uisgeachan Bhreatainn ‘British waters’ no uisgeachan Iapain ‘Japanese waters’.

Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh sinn gu tric a’ bruidhinn mu dheidhinn ‘watering’, a’ cur uisge air lusan. A bheil gnìomhair ann airson watering ann an Gàidhlig? Tha. Uisgich no uisgeachadh. Uisgich na flùraichean! ‘water the plants!’. Tha mi ag uisgeachadh nan craobhan ‘I’m watering the trees’. Tha siostam uisgeachaidh agam anns a’ ghàrradh. A bheil a leithid agaibh fhèin?

Litir 1201 Litir 1201 Litir 1203 Litir 1203

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!