Bidh sibh eòlach air an fhacal boogie, a tha car cumanta ann am Beurla nan Stàitean Aonaichte. Tha e a’ ciallachadh grunn rudan, a’ gabhail a-steach danns, agus tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gun tàinig e a-nall don Bheurla bho chànan Afraganach. Ach a bheil ceangal ann ris an fhacal Ghàidhlig bogadh?
Tha mi a’ cur na ceist oir tha an sgoilear Gàidhlig Mìcheal Newton ga togail anns an leabhar aige Gaelic in Your Gob a nochd ann an clò an-uiridh. Tha Mìcheal còir air tòrr a dhèanamh airson na Gàidhlig agus seo leabhar beag tarraingeach a tha làn neamhnaidean. Agus – math dh’fhaodte – ʼs e an gnothach aig bunait a’ chàirdeis eadar boogie agus bogadh – feise.
Dè tha faclair Dwelly ag ràdh mun fhacal bogadh? Uill, tha e a’ ciallachadh ‘softening, mollifying, steeping, dipping, moistening, state of sticking fast in the mire, wagging, bobbing, softness, tenderness, mellowness, floating.’ Airson ‘the dog is wagging its tail’ canaidh sinn ‘tha an cù a’ bogadh earbaill’.
ʼS dòcha gun robh Eideard Dwelly ro ‘mhodhail’ airson ciall eile dhen fhacal a chur anns an fhaclair aige. Ach tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun robh bàird anns an t-seachdamh is ochdamh linn deug a’ cleachdadh ‘bogadh’ mar thruaill-chainnt airson feise. Tuigidh sibh mar a dh’fhaodadh sin a bhith. Tha an t-ùghdar a’ toirt eisimpleirean de a leithid anns an leabhar aige. Tha e dhen bheachd gur dòcha gu bheil am facal Gàidhlig bogadh am measg na chuir ri boogie anns na Stàitean Aonaichte.
Tha cha mhòr leth-cheud facal Gàidhlig a thug buaidh air a’ Bheurla anns an leabhar. Bheir sinn sùil air eisimpleir no dhà. Bidh sibh eòlach air an fhacal bean-sìthe no bean-shìthe ann an Gàidhlig. Fairy woman. Leis gur e ‘banshee’ a chanas daoine ann am Beurla, tha beachd ann gun tàinig am facal bho Ghàidhlig na h-Èireann far an canar ‘ban’ airson bean.
Ge-tà, tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun tàinig am facal a-steach an toiseach bho Ghàidhlig na h-Alba. Tha e a’ nochdadh ann an clò ann an seachd ceud deug, seachad ʼs a h-aon (1771) mar ‘Benshi or the Fairies wife’ ann an Alba. ʼS ann às dèidh sin a thug an dreach Èireannach buaidh air an fhacal ann am Beurla.
Ann an Gàidhlig, canaidh sinn màl dubh airson blackmail. Tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gur dòcha gun do dh’èirich am facal Beurla bhon Ghàidhlig, ged a thàinig màl a-steach don Ghàidhlig an toiseach bhon t-seann Bheurla. B’ e màl dubh sùim airgid a bhiodh tuathanach a’ pàigheadh don uachdaran no ceann-cinnidh mu choinneamh gach mart aige. Bha sin mar àrachas an aghaidh feadhainn eile a bhith a’ togail creach – a’ goid na sprèidhe. Bhiodh an t-uachdaran a’ faighinn nam beathaichean air ais no a’ lorg feadhainn eile nan àite. B’ e sin am màl dubh no blackmail.
Agus dè mu dheidhinn peata? A pet, tame animal. Peata. Tha am facal a’ nochdadh ann an Gàidhlig cho fada air ais ris an ochdamh linn ann an làmh-sgrìobhainn Èireannach. Agus cò chanas am facal anns an sgeul ach Cù Chulainn fhèin!