FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille (1)

Tha mi airson seann sgeulachd à Muile aithris dhuibh. ?S e an t-ainm a th’ oirre ‘Locha Buidhe ?s a Dhà Bhuachaille’.

Audio is playing in pop-over.

Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille (1)

Tha mi airson seann sgeulachd à Muile aithris dhuibh. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘Locha Buidhe ʼs a Dhà Bhuachaille’.

Bha dà bhuachaille aig tighearna Locha Bhuidhe. Thàinig bean an dàrna buachaille gu taigh a’ bhuachaille eile. Bha rudeigin a’ goil ann am poit air teine.

‘Dè th’ agad sa phoit?’ ars an tè a thàinig a-steach.

‘Brochan,’ fhreagair an tè eile.

‘Dè an seòrsa brochain?’

‘Dubh-bhrochan,’ thuirt an tè a bha a-staigh. ʼS e brochan tana a bh’ ann, air a dhèanamh de mhin-choirce. Cha robh feòil no glasraich ann.

‘Hut,’ thuirt an tè a bha a’ dèanamh cèilidh. ‘ʼS e an cèile agad an duine truagh. Tha daimh gu leòr aig an uachdaran. Cha dèanadh e cron air nan cailleadh e fear. Cuiridh mi an duine agam a-null a-nochd. Faodaidh esan agus an duine agad fhèin falbh còmhla agus fear de na daimh a thoirt dhachaigh leotha.’

Nuair a thàinig an oidhche, chuir a’ bhean seo an duine aice a-null gu taigh a’ bhuachaille eile. ‘Fanaidh mise anns a’ choille,’ thuirt esan ris an fhear eile. ‘Thalla thus’ don bhuaile. Goid an damh agus thoir thugam e. Bheir mise dhachaigh e. Ma dh’fhaighnicheas duine dhìom an do ghoid mi an damh, canaidh mi nach do ghoid. Agus bidh an fhìrinn agam. Ma dh’fhaighnicheas duine dhìotsa an tug thu an damh dhachaigh, canaidh tu nach tug. Agus bidh an fhìrinn agad. Bidh an dithis againn ag innse na fìrinn!’

Dh’fhalbh iad mar sin don choille. Thog iad teine ann. Bha fear de na buachaillean a’ dol a dh’fhuireach aig an teine. Bha am fear eile a’ dol a ghoid an daimh.

Aig an àm sin, bha cumhachd aig tighearna duine a chrochadh gu bàs airson cron no eucoir, gun a bhith a’ dol gu cùirt-lagha. Agus, mar a thachair e, bha Locha Buidhe air fear a chrochadh an latha sin fhèin, anns an aon choille ʼs an robh na buachaillean.

Fhad ʼs a bha an dà bhuachaille ris a’ phlòigh aca, bha buidheann de dh’uaislean còmhla ann an taigh mòr Locha Bhuidhe. Bha iad a’ cur geall nach biodh aon duine aig Locha Buidhe treun gu leòr gus a dhol a-steach don choille agus bròg a thoirt far cas an duine a chaidh a chrochadh.

Bha Locha Buidhe feargach. Chuir e airgead air a’ bhòrd. Dh’iarr e air fear de na daoine aige – fear MacPhàidein – bròg an duine mhairbh a thoirt air ais leis gus gum buannaicheadh e an geall.

Dh’aontaich MacPhàidein agus dh’fhalbh e don choille anns an dorchadas. Ach nuair a thàinig e faisg air làrach a’ chrochaidh, ʼs ann a chunnaic e fear a’ dèanamh a gharaidh aig teine. Bha MacPhàidein dhen bheachd nach robh an duine ‘marbh’ marbh idir!

Thill e don taigh mhòr na dheann. Nuair a chaidh a cheasnachadh mun chùis, thuirt e gun robh an duine a chaidh a chrochadh beò agus ri taobh teine. Agus dh’fhàg MacPhàidein a’ bhròg far an robh i – air cas an duine!

Bha na h-uaislean cho sona ri ... uill ... bròg! ‘Mar a thuirt sinn, a Locha Bhuidhe ...’ thuirt iad, ‘Bha fios againn nach robh agad mar luchd-obrach ach gealtairean!’ Fhuair MacPhàidein an uair sin trod bho chuideigin eile anns an t-seòmar, mar a chì sinn anns an ath Litir.

Litir 1181 Litir 1181 Litir 1183 Litir 1183

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!