FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille (2)

Bha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Locha Buidhe ?s a Dhà Bhuachaille’. Bha MacPhàidein air diùltadh bròg a thoirt far cas an duine chrochte.

Audio is playing in pop-over.

Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille (2)

Bha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Locha Buidhe ʼs a Dhà Bhuachaille’. Bha MacPhàidein air diùltadh bròg a thoirt far cas an duine chrochte. Bha e a’ smaoineachadh gun robh e fhathast beò. Bha fear ciorramach anns an t-seòmar anns an taigh mhòr. ’S e ‘clàraineach’ a bh’ ann – neach a bhiodh a’ gluasad air clàran (pìosan fiodha) oir cha robh e comasach air coiseachd.

Rinn an clàraineach trod air MacPhàidein. ‘Nam biodh comas coiseachd agam,’ thuirt e, ‘bheirinn fhìn a’ bhròg far cas an duine.’

‘Ceart gu leòr,’ arsa MacPhàidein. Chuir e am fear ciorramach air a ghualainn. Agus dh’fhalbh e don choille leis. Nuair a thàinig iad ann an sealladh a’ bhuachaille aig an teine. Chunnaic am buachaille gun robh cuideigin a’ tighinn. Shaoil e gur e am buachaille eile a bh’ ann, agus an damh aige. ‘An tu a th’ ann?’ thuirt e.

‘’S mi,’ fhreagair MacPhàidein.

‘A bheil e agad?’ dh’fhaighnich am buachaille.

‘Tha,’ arsa MacPhàidein.

‘A bheil e reamhar?’

‘Reamhar no caol, seo agad e!’ Agus thilg MacPhàidein am fear ciorramach far a ghuailne.

Chuir MacPhàidein na buinn air agus theich e. Lean an clàraineach e cho math ’s a b’ urrainn dha. Dh’èirich am buachaille. Bha e a’ smaoineachadh gun robh fios aig tighearna Locha Bhuidhe gu dè an eucoir a bha e ris. Shaoil e gum biodh e glic a’ chùis a mhìneachadh don uachdaran.

Dh’fhaighnich na h-uaislean mun bhròig. ‘Cha d’ fhuair mi i,’ dh’aidich MacPhàidein. ‘Dh’fhaighnich an duine marbh an robh an clàraineach reamhar. Tha mi cinnteach gum bi e air ithe a-nise.’

Aig a’ mhionaid sin, ràinig an clàraineach an doras. Dh’èigh e gun robh am fear marbh ga leantainn. Leig iad an clàraineach a-steach agus ghlas iad an doras às a dhèidh. Nuair a ràinig am buachaille an doras, bhuail e air. ‘Leigibh a-steach mi!’ dh’èigh e. Ach cha robh iad deònach a leigeil a-steach. Bha iad dhen bheachd gum b’ esan an duine a chroch iad na bu tràithe!

‘Is mise am buachaille agaibh!’ dh’èigh e. Le sin, leig iad a-steach e. Dh’inns am buachaille dhaibh mun phlana airson damh a ghoid. Bha e dhen bheachd gur e a chompanach agus an damh a thàinig don choille. Bha e a’ faighneachd an robh an damh reamhar.

Uill bha tighearna Locha Bhuidhe dhen bheachd gun robh seo uabhasach èibhinn. Bha spòrs is fearas-chuideachd anabarrach aige fhèin is aig na h-uaislean eile. Bha aig a’ bhuachaille ris an stòiridh innse grunn tursan.

Anns an eadar-àm, chaidh am buachaille leis an damh don àite sa choille far an robh am buachaille eile. Ach cha robh sgeul air. Choisich e timcheall anns an dorchadas gus an do bhuail e anns a’ chorp a bha crochte air a’ chraoibh.

‘Murt mhòr!’ thuirt e. ‘Ghlac iad thu agus chroch iad thu mu thràth! Thig iad air mo shon-sa a-màireach.’ Gun a bhith a’ coimhead air aodann an duine mhairbh, thug e sìos far na craoibh’ e. Thug e a chorp dhachaigh gu taigh a’ bhuachaill’ eile. Leig e an corp air an talamh agus ghnog e air an doras. Cluinnidh sinn tuilleadh an-ath-sheachdain.

Litir 1182 Litir 1182 Litir 1184 Litir 1184

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!