Ann an Nicaea, faisg air Constantinople, anns a’ bhliadhna trì cheud, fichead ʼs a còig (325), rinn muinntir nan Eaglaisean Crìosdail co-dhùnadh cudromach. Dh’aontaich iad mar a bhiodh iad a’ tomhas cuin a bhiodh a’ Chàisg ann a h-uile bliadhna.
Bhite a’ cumail na Càisge air a’ chiad Didòmhnaich an dèidh na gealaich làin an dèidh co-fhad-thràth an Earraich. The first Sunday after the full moon that follows the Spring equinox. A’ chiad Didòmhnaich an dèidh na gealaich làin an dèidh co-fhad-thràth an Earraich.
Bidh a’ Chàisg a’ gluasad bho bhliadhna gu bliadhna. Bidh i ann eadar an dàrna latha fichead dhen Mhàrt agus an còigeamh latha fichead dhen Ghiblean.
Nise, cha robh sin na chùis deasbaid aig Seanadh Whitby ann an Northumbria ann an sia ceud, seasgad ʼs a ceithir (664). Bha an fheadhainn a bha a’ leantainn chleachdaidhean Ì (na ‘Ceiltich’) agus an fheadhainn a bha a’ leantainn nan cleachdaidhean Ròmanach (na ‘Ròmanaich’) aontaichte air na cùisean sin.
Bha diofaran ann eatarra, ge-tà. Am measg nan diofaran, bha an latha air an tuiteadh co-fhad-thràth an Earraich. Do na Ceiltich b’ e sin an còigeamh latha fichead dhen Mhàrt. Do na Ròmanaich thuiteadh e air an aonamh latha fichead dhen Mhàrt. Bho àm gu àm, bhiodh a’ Chàisg air làithean eadar-dhealaichte eadar an dà bhuidhinn. Dh’fhaodadh an diofar eatarra a bhith mòr.
Bha Rìgh Northumbria, Oswiu, airson a’ chùis a rèiteach. Bha e ag iarraidh gum biodh a h-uile duine a’ tarraing air an aon ràmh. Bhiodh an Rìgh fhèin na bhritheamh. Dhèanadh e fhèin an co-dhùnadh.
Chuala an fheadhainn ann an Whitby argamaidean eadar an dà sgioba. Bha manach Northumbrianach, Wilfrid, a’ seasamh cùis nan Ròmanach. Bha Easbaig Lindisfarne – Colman – Gàidheal Èireannach a lean air Fìonan anns an dreuchd sin – a’ seasamh beachd nan Ceilteach.
Thuirt Colman gum b’ fheàrr leis a bhith a’ leantainn Chaluim Chille. Bha esan air a bhith dìleas do dhìleab Naoimh Eòin. Chuir Wilfrid an aghaidh sin, ag ràdh gun robh esan dìleas do Pheadar a fhuair iuchraichean Nèamh bho Chrìosd. Aig a’ cheann thall, dh’aontaich Rìgh Oswiu ri Wilfrid agus na Ròmanaich.
Ro-làimh, bha a h-uile duine air aontachadh gabhail ri co-dhùnadh an Rìgh. Ghluais Northumbria na bu dlùithe ri dòighean na Ròimhe agus ris a’ chuid a bu mhotha dhen Eaglais. Chaill Lindisfarne cliù agus cumhachd.
Ghabh Colman ris gun do chaill e, ach cho-dhùin e nach b’ urrainn dha an dòigh Ròmanach a chur an sàs. Dh’fhàg e Lindisfarne agus thill e a dh’Alba.
Chuir e eaglaisean ùr air chois ann an Alba. Chaidh e a dh’Eilean Ì agus an uair sin thill e a dh’Èirinn. Chuir e manachainn air chois ann an Innis Bò Finne far taobh an iar na h-Èireann.
Chailleadh Colman an argamaid a thaobh na Càisge anns an Eaglais ‘Cheiltich’ cuideachd. Bhiodh na h-eaglaisean uile, air taobh an iar na Roinn Eòrpa, a’ leantainn na h-aon dòigh airson ceann-latha na Càisge a chomharrachadh. Ach, tro thìde, bhiodh atharrachadh anns a’ mhìosachan fon Phàp Griogar. Agus bhiodh sgaradh ùr ann. Ach ʼs e sgeul eile a tha sin!