FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Clach an Fhithich (1)

Tha mi airson seann stòiridh innse dhuibh, air a bheil Clach an Fhithich.

Audio is playing in pop-over.

Clach an Fhithich (1)

Tha mi airson seann stòiridh innse dhuibh, air a bheil Clach an Fhithich. Buinidh e do sgìre Loch Ìnnse ann am Bàideanach. Anns a’ cheathramh linn deug, bha fear, Iain Bàn – Iain Mac a’ Phearsain – a’ fuireach ann am baile beag ris an cainte Baile na Creige. ’S e fear mòr, làidir a bh’ ann. Bha e naoi bliadhn’ deug a dh’aois, agus cha robh e pòsta. Bha e aithnichte mar an duine a bheireadh bratach a chinn-chinnidh air blàr-catha. B’ e a cheann-cinnidh Fear Inbhir Fheithisidh.

Latha a bha seo, bha Iain a’ sealg anns a’ choille faisg air an taigh aige. Chunnaic e seabhag an tòir air corra-ghritheach. Goirid an dèidh sin, mharbh an t-seabhag a’ chorra-ghritheach. Chaidh Iain gu far an robh an dà eun. An sin, bha boireannach air muin eich, agus gille ga frithealadh. Bha iad an sàs ann an argamaid le dithis fhorsairean aig an uachdaran.

Chunnaic am boireannach Iain. ‘Trobhad an seo,’ ghuidh i air. ‘’S ann leamsa a tha an t-seabhag seo, agus tha na fir seo a’ diùltadh a toirt seachad.’

‘Mharbh an t-seabhag corra-ghritheach air fearann mo mhaighstir,’ thuirt fear de na forsairean. ‘A rèir an lagh, ’s ann leis-san a tha i.’

‘Ge-tà,’ ars am boireannach, ‘bha a’ chorra-ghritheach air fearann m’ antaidh air taobh thall Uisge Spè nuair a thòisich an ruaig. Lean an t-seabhag a’ chorra-ghritheach thar na h-aibhne. Thàinig sinn tarsainn na h-aibhne aig an àth. Cha deach na h-eòin às mo shealladh uair sam bith. A rèir an lagh, ’s ann le m’ antaidh a tha an dà eun.’

‘Thoiribh an t-seabhag air ais don bhoireannach seo,’ thuirt Iain ris na forsairean. ‘A reir lagh na coille, ‘’s ann leathase a tha i.’

‘Cùm do shròn a-mach às a’ ghnothach,’ thuirt am forsair. ‘ An rud nach buin dhut, na buin dha.’

Chaidh a’ chùis gu sabaid-dhòrn. Rinn Iain Bàn an gnothach air na forsairean. Fhad ’s a bha seo a’ dol air adhart, dh’itealaich an t-seabhag air ais gu caol-dùirn a’ bhoireannaich. Theich na forsairean, agus thionndaidh am boireannach gu Iain. ‘Taing mhòr dhut,’ ars ise. ‘Nach inns thu dhomh d’ ainm.’

‘Is mise Iain Bàn, an suaicheantaiche aig Fear Inbhir Fheithisidh,’ fhreagair Iain.

‘Is mise Eilidh Nic an Tòisich,’ thuirt am boireannach. ‘Tha mi a’ fuireach aig m’ antaidh, Bean-uasal Nic an Tòisich Dhùn Neachdain.’

‘Ah,’ arsa Iain. ‘B’ fheàrr leam nach buineadh tu do na h-uaislean.’

‘Carson sin?’ dh’fhaighnich Eilidh.

‘Oir bu mhath leam a bhith nad chuideachd a-rithist,’ thuirt Iain.

‘Bidh sin ceart gu leòr,’ ars Eilidh. ‘Bidh mi a’ gabhail cuairt air muin eich gach latha air a’ chluain ud thall. Cha bhi còmhla rium ach an gille frithealaidh agam, Ruairidh, agus tha esan dìleas dhomh.’

‘Ach bidh an abhainn eadarainn,’ ars Iain.

‘Ist,’ fhreagair Eilidh. ‘Tha e furasta faighinn a-null ’s a-nall aig an àth.’

Leig an dithis soraidh le chèile, agus thill Iain a Bhaile na Creige. An ceann latha no dhà, chaidh Iain tarsainn Uisge Spè aig an àth, airson coinneachadh ri Eilidh. Cha robh fios aig duine gun robh seo a’ dol air adhart, ach a-mhàin Ruairidh, an gille frithealaidh. Ge-tà, thàinig uisge mòr an fhoghair, agus bha an abhainn ro dhomhainn airson faighinn tarsainn. Dè thachair an uair sin? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.

Litir 1072 Litir 1072 Litir 1074 Litir 1074

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!