Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd Clach an Fhithich a tha
stèidhichte ann am Bàideanach. Bha Iain Bàn à Baile na Creige agus Eilidh
Nic an Tòisich à Dun Neachdain a’ coinneachadh gu tric faisg air Uisge Spè
far a bheil an abhainn a’ dol a-steach a Loch Ìnnse. Dh’fheumadh Iain a
dhol tarsainn na h-aibhne aig an àth.
Thàinig uisge mòr an fhoghair, agus cha robh comas aige a dhol a-null
tuilleadh. An uair sin, thàinig reothadh a’ gheamhraidh agus bha comas aig
Iain coiseachd a-null ʼs a-nall air an deigh. Ge-tà, bhiodh iomadach duine
a’ spèileadh air an abhainn reòite is air an loch, agus cha robh
prìobhaideachd aig Iain is Eilidh airson a bhith ri suirghe. Chuir antaidh
Eilidh – Bean-uasal Dhùn Neachdain – casg air Eilidh bho bhith a’ spèileadh
no a’ coinneachadh ri leithid de dhuine cumanta mar Iain Bàn. Ged a
dh’fheuch Iain ri brath a chur gu Eilidh, dh’fhàilnich air.
Latha a bha seo, choinnich e ri gobha a bha a’ fuireach faisg air Baile na
Creige – fear ris an canadh iad ‘Donnchadh na Dà Òrdaig’. Bha fios aig Iain
gun robh Donnchadh dìreach air a bhith ann an Dùn Neachdain. ‘An cuala tu
dad air Eilidh?’ dh’fhaighnich e.
‘Chuala, gu dearbh,’ arsa Donnchadh. ‘Tha i na prìosanach na seòmar fhèin,
agus chan fhaigh duine faisg oirre.’
‘Tha sin duilich,’ thuirt Iain. ‘ Saoil an toireadh tu litir dhi bhuam?’
‘Ist,’ arsa Donnchadh. ‘Bhithinn ann an cunnart mo bheatha nan dèanainn sin. Chaill an gille-frithealaidh aig Eilidh
– Ruairidh – a cheann dìreach an-dè airson na coinneamhan eadar thu fhèin
is Eilidh a chumail dìomhair bhon Bhean-uasal.’
‘Hut!’ dh’èigh Iain. ‘Tha sin uabhasach!’
Bhruidhinn an dithis airson greis, agus dh’aontaich an gobha litir a thoirt
do dh’Eilidh. Sgrìobh Iain an litir agus thug Donnchadh leis i an ath
thuras a chaidh e a-null a Dhùn Neachdain. Ach cha do thill Donnchadh
dhachaigh. Latha an dèidh latha, bha Iain a’ feitheamh fios bho Dhonnchadh
no bho Eilidh fhèin.
Chunnaic athair Iain mar a bha an gnothach a’ toirt buaidh air a mhac. Thug
e Iain don taobh agus thuirt e rudeigin neònach ris. ‘Bhiodh fuasgladh ann
nam biodh Clach an Fhithich agad,’ thuirt e.
‘Dè th’ ann an Clach an Fhithich?’ dh’fhaighnich Iain.
‘Dh’inns do sheanair dhomh mu a deidhinn, agus tha mi ga chreidsinn,’
dhearbh athair. ‘Bidh thu a’ toirt uighean à nead fithich. Bidh thu gan
goil agus an uair sin gan cur air ais san nead. Bidh fios aig an fhitheach
gu bheil na h-uighean millte. Teichidh e bhon nead. Ach, air an treas
latha, tillidh am fitheach agus bidh clach bheag na ghob. Bidh e a’
suathadh na cloiche ris na h-uighean, agus bidh na h-uighean a’ tighinn
torach is beò a-rithist. Ma tha duine air a bhith a’ coimhead seo, agus ma
gheibh e grèim air a’ chloich, bidh comas aige a dhèanamh fhèin
do-fhaicsinneach.’
‘Ciamar?’ dh’fhaighnich Iain.
‘Uill, ma chuireas e a’ chlach na bheul, bidh e do-fhaicsinneach,’ thuirt
athair. ‘Airson a bhith faicsinneach a-rithist, cuiridh e a’ chlach na
phòcaid.’
‘Tha sin iongantach,’ thuirt Iain. ‘Dh’fhaodainn a dhol a-null a Dhùn
Neachdain, agus mi do-fhaicsinneach. Cha bhiodh fios aig a’ Bhean-uasal Nic
an Tòisich gun robh mi ann.’
‘Dìreach,’ thuirt athair. ‘Nise, feumaidh sinn nead fithich a lorg.’