Bha mi ag innse dhuibh mu thachartas ann an Taigh-seinnse Dhurais, taobh
Loch Nis, goirid an dèidh Blàr Chùil Lodair. Chaidh màthair Sìne, Hannah, a
mhurt le saighdear dearg a bh’ air an rathad a Chille Chuimein. Chaidh Sìne
fhèin air muin eich a Chille Chuimein, còmhla ri Iain Bàn à Duras agus fear
eile. Bha a h-uile duine aca sgeadaichte ann an aodach dubh. Air muin a’
cheathraimh eich, bha corp Hannah.
Chuir na freiceadain stad orra aig geatachan Gearasdan Cille Chuimein. ‘Is
mise Alasdair Friseal à Druim Athaisidh,’ thuirt Iain Bàn riutha. Cha robh
iad eòlach air Alasdair, a bha na cho-ogha do dh’Iain. Ach bhiodh fios aca,
’s dòcha, gur e uachdaran a bh’ ann a bha taiceil don riaghaltas. Bha fios
aig Iain gun robh Diùc Chumberland anns a’ ghearasdan, agus thuirt e ris na
freiceadain gun robh e ag iarraidh bruidhinn ris an Diùc. Bidh cuimhne
agaibh gun robh Cumberland mar cheannard aig arm an riaghaltais aig Cùil
Lodair.
Thàinig leifteanant a bhruidhinn ri Iain. A-rithist, thuirt Iain gum b’
esan Alasdair Friseil agus gun robh e ag iarraidh bruidhinn ris an Diùc.
Dh’fhalbh an leifteanant agus thàinig màidsear na àite. Dh’inns Iain dha
gun robh corp boireannaich aige, agus gun deach a murt na dachaigh fhèin le
saighdear Breatannach. Cha ghabhadh esan – mar dhuin-uasal Gàidhealach a
bha ‘dìleas’ don Chrùn – fois gus an robh e air bruidhinn ri Cumberland mu
dheidhinn.
Dh’fhalbh am màidsear agus, mu dheireadh thall, chaidh Iain a thoirt gu
ruige àite-còmhnaidh Chumberland fhèin. Thàinig Iain far eich. Thàinig an Diùc a-mach. Sheall Iain
dha corp Hannah. Mhìnich e gun robh a nighean gun sgillinn ruadh is gun
dlùth-charaid, agus gur iad saighdearan dearga a bu choireach. A bharrachd
air a’ mhurt, bha na saighdearan air an taigh-seinnse a sgrios. Cha robh cothrom aig Sìne fhosgladh às ùr airson bith-beò
a dhèanamh dhi fhèin.
Dh’èist an Diùc ris an tagradh aig Iain. Dh’iarr e air a dhol a
thaigh-seinnse ann an Cille Chuimein agus feitheamh an sin gus an
cluinneadh e tuilleadh. Beagan uairean a thìde an dèidh làimhe, thàinig
còirneal a-steach don taigh-seinnse, le màileid leathair fo achlais. Bha na
h-oifigearan a bha ciontach dhen eucoir air airgead a chur ri chèile. Bha
gu leòr ann airson tiodhlacadh math a thoirt do Hannah, agus airson
Taigh-seinnse Dhurais a chur air a chasan a-rithist.
Thill an còmhlan beag a Dhuras. Chaidh Hannah a thiodhlacadh anns a’ chladh
an sin. Thòisich Sìne air an taigh-seinnse a chur air dòigh às ùr. Agus tha
fios agaibh gu bheil e a’ dol fhathast. Bidh e loma-làn luchd-turais as
t-samhradh.
Agus dè thachair do na saighdearan? Am b’ e sin e airson ceartas? Uill, cha
b’ e. Bha Cumberland dhen bheachd gum biodh e na b’ fheàrr nam biodh iad
air an cur a-null thairis ann an seirbheis a’ Chrùin.
A rèir choltais, cha do thuig duine aca riamh gum b’ e an duine a fhuair an
t-airgead bhuapa fear de na reubaltaich a bha iad a’ lorg ann am monadh
Loch Nis. Seadh, ’s e sin a bh’ ann an Iain Bàn – reubaltach Seumasach! ’S
e mo thuigse gun do thill e gu bheatha mar ruagalaiche, co-dhiù airson
beagan bhliadhnaichean.