Bliadhna Mhath Ùr dhuibh. Tha mi a’ dol a thòiseachadh le ceistean mu
sheann rìghrean na h-Alba. Cò an t-aon Rìgh Albannach a th’ air ainmeachadh
anns a’ Mhagna Carta – an sgrìobhainn chudromach Shasannach? Cò an
t-aon Rìgh Albannach a thug armailt mhòr leis gu ruige cladach a deas
Shasainn? Agus cò an t-aon Rìgh Albannach a chaochail ann an Eilean
Chearrara, faisg air an Òban?
Uill, ʼs e a aon duine a bh’ anns na trì – Rìgh Alasdair II no Alasdair mac
Uilleim ʼic Eanraig ʼic Dhaibhidh. Ghabh e an rìgh-chathair ann an dà cheud
deug is ceithir-deug (1214). Nuair a bha e fhathast na dheugaire, thug e
armailt Albannach leis thar crìoch Shasainn airson taic a thoirt do na
h-uaislean Sasannach an aghaidh Rìgh Iain. Bha e an dòchas fearann
fhaighinn ann an ceann an ear-thuath Shasainn.
Cha do thachair e, ge-tà. Ràinig Alasdair Dòbhair ach dh’atharraich cùisean
gu poilitigeach ann an Sasainn, agus thill e dhachaigh gun duais. Thug e
sùil an uair sin air na tìrean Albannach a bha fo smachd nan Lochlannach
air an taobh an iar. Thug e Earra-Ghàidheal fo smachd na h-Alba. Bha e ag
iomairt an aghaidh nan Lochlannach anns na h-eileanan nuair a chaochail e,
ann an Cearrara, ann an dà cheud deug, ceathrad ʼs a naoi (1249).
Bliadhnaichean roimhe sin, nuair a bha Alasdair ann an Sasainn, thàinig
uaislean Shasainn agus Rìgh Iain còmhla airson am Magna Carta a
chruthachadh – sgrìobhainn a bha a’ daingneachadh chòraichean nam baran.
Agus tha an Rìgh Albannach air ainmeachadh ann. A thaobh nan giall
Albannach – càirdean aig Alasdair – a bh’ air an cumail an grèim ann an
Sasainn, bhite a’ dèiligeadh riutha anns an aon dòigh ri barain Shasainn
fhèin, tha am Magna Carta ag ràdh.
Bha mi a’ beachdachadh air a’ Mhagna Carta oir bha m’ aire air
sgrìobhainn eile – Foirgheall Obair Bhrothaig –The Declaration of Arbroath. Am measg muinntir Bhreatainn, tha am Magna Carta gu math aithnichte is cliùmhor. Eadhon ann an Alba,
chan eil Foirgheall Obar Bhrothaig idir cho aithnichte ris.
Ach tha dùil agam gun atharraich sin am-bliadhna, oir bithear a’
comharrachadh seachd ceud bliadhna on a chaidh Foirgheall Obar Bhrothaig a
chur don Phàp ann an Avignon.
Sgrìobh mi mu dheidhinn Foirgheall Obar Bhrothaig ann an Litrichean 649
agus 650. Chan eil mi airson cus a bharrachd a ràdh an-diugh, ach gu bheil
mi an dòchas gum bi e a cheart cho aithnichte ris a’ Mhagna Cartamus bi a’ bhliadhna a-mach. Agus carson nach bitheadh? Chan eil foirgheall nas cudromaiche
againn. Tha e a’ seasamh mar thaisbeanadh de shaorsa is neo-eisimeileachd.
Agus tha e a’ dearbhadh gun robh na h-Albannaich o shean dhen bheachd gun
robh rìgh a’ riaghladh a-mhàin le cead an t-sluaigh.
Tron bhliadhna, ann an Obar Bhrothaig, bidh tòrr a’ dol mar chuimhneachan
air. Am measg sin, bidh caismeachd de cheudan dhaoine a choinnicheas ri
cabhlach bhàtaichean aig a’ chala. Bithear a’ leughadh dreach ùr dhen
Fhoirgheall agus bithear a’ cur lethbhreac ùr dheth gu muir, dìreach mar a
thachair o chionn seachd ceud bliadhna. Cuiridh e iongnadh orm mura bi
Ameireaganach no dhà ann, oir tha cuid dhen bheachd gun robh Foirgheall
Obar Bhrothaig am measg nan sgrìobhainnean air an robh luchd-stèidhichidh
nan Stàitean Aonaichte a’ beachdachadh nuair a sgrìobh iad am Foirgheall
Neo-eisimeileachd aca fhèin.