FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Cailean Caimbeul, Ailtire

O chionn ghoirid bha mi ann an dà dhachaigh mhòr stàiteil a tha ceangailte ri chèile.

Audio is playing in pop-over.

Cailean Caimbeul, Ailtire

O chionn ghoirid bha mi ann an dà dhachaigh mhòr stàiteil a tha ceangailte ri chèile. ʼS e fear dhiubh Caisteal Bhrothaigh – Brodie Castle – ann am Moireibh. ʼS e am fear eile Stourhead air crìochan Wiltshire is Somerset ann an Sasainn. Tha iad ceangailte ri chèile le ailtire.

Tha Stourhead brèagha. Tha an leas àlainn, le craobhan mòra ann, agus faoin-thogalaichean ri taobh loch. Chaidh a thogail às ùr tràth anns an ochdamh linn deug. Agus bʼ e an t-ailtire a dhealbhaich e – fear Cailean Caimbeul a bha na Albannach. Rugadh e ann an Caisteal Bhrothaigh ann an sia ceud deug, seachdad ʼs a sia (1676).

Bhuineadh Cailean do na Caimbeulaich leis an robh Caisteal Challadair. Fhuair e oideachadh ann an lagh ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Ach dh’fhàg e an dreuchd aige, agus Alba, airson a bhith na ailtire ann an Sasainn. Choisinn e cliù dha fhèin an sin, agus dh’fhuirich e an còrr de a bheatha ann an Sasainn agus san Eadailt. Bha e gu mòr a’ leantainn ailtireachd Andreas Palladio, ailtire Eadailteach. Bha Palladio dìleas do stoidhle nan togalaichean clasaigeach anns an Ròimh agus sa Ghrèig. Canaidh daoine ‘Palladian’ ris an stoidhle aige.

Dh’fhàs an Caimbeulach ainmeil. Sgrìobh e an leabhar Vitruvius Britannicus, a chaidh fhoillseachadh ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715). Bha e mu dheidhinn ailtireachd, agus na riochdan clasaigeach a b’ fheàrr leis a’ Chaimbeulach. Chaochail Cailean ann an seachd ceud deug, fichead ’s a naoi (1729). Cha do mhair an dreuchd aige mar ailtire fada, ach bha e cliùmhor nuair a chaochail e.

Ge-tà, cha robh a bheatha às aonais connspaid. Fhuair e obair mar Leas-àrd-shuirbhidhear aig a’ Bhòrd Obrach Rìoghail. Nuair a bha e san dreuchd sin, rinn e sgrùdadh air staid Thaigh nan Cumantan ann an Lunnainn. Mhol an aithisg aige gun dèante obair mhòr air an togalach, oir bha e ann an droch staid. Ach chaidh fios a sgaoileadh gun robh an Caimbeulach air a bhith ri foill, agus e an dùil an cùmhnant fhaighinn airson obair-càraidh air an togalach – nach robh ann an staid cho dona ’s a bha e a’ cumail a-mach!

An latha a bha mi ann an àite-breith a’ Chaimbeulaich – Caisteal Bhrothaigh – bha fèill dhibhe is bhìdh ann. Chaidh mi a’ choimhead air stàile far an robhar a’ reic mil-dheoch. Sin deoch-làidir a thathar a’ dèanamh le mil. Ann am Beurla, mead.

Bha mi-fhìn is a’ bhean agam a’ bruidhinn ri chèile ann an Gàidhlig mun deoch. Bha sinn air beulaibh an duine a bha ga reic. Gu fortanach, bha sinn air a bhith modhail – oir bhruidhinn an duine rinn ann an Gàidhlig!

Tha Crìsdean Mac a’ Mhaoilein air a bhith a’ dèanamh mil-dheoch fad beagan bhliadhnaichean. Tha e stèidhichte ann an Cill Mhìcheil ann an Siorrachd Pheairt, le ionad-obrach ann am Blàr Ghobharaidh. Tha e a’ faighinn na meala aige ann an Srath Àrdail faisg air an dachaigh aige, agus tha e a’ grùdadh na dibhe ann an dòigh nàdarrach, stèidhichte air rannsachadh a rinn e air na dòighean-obrach àrsaidh air feadh ceann a tuath na Roinn Eòrpa.

Chòrd e rium coinneachadh ris, agus e làn Gàidhlig. Agus bha an deoch aige math cuideachd!

Litir 1066 Litir 1066 Litir 1068 Litir 1068

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!