ʼS fhìor thoigh leam seòladh, gu h-àraidh eadar na lochan-mara agus na
h-eileanan air taobh an iar na Gàidhealtachd. Airson sgilean seòlaidh
ionnsachadh, rinn mi grunn chùrsaichean fo sgèith Comann Rìoghail na
Luingearachd – ‘neach-sgioba comasach’ agus ‘sgiobair-latha’ is mar sin air
adhart. Agus, mar a thuigeas sibh, ʼs ann ann am Beurla a bha an
t-oideachadh air fad. Mar sin, chan eil mi cho fileanta ann an cànan is
briathrachas seòlaidh ann an Gàidhlig ʼs a bu mhath leam a bhith.
An latha eile, ge-tà, thàinig mi tarsainn air abairtean feumail ann an
leabhran a thug m’ athair dhomh – The Tourists Hand-book of Gaelic and English Phrases – a nochd ann
an clò o chionn còrr math is ceud bliadhna. Bha e air a chur ri chèile le
Màiri NicEalair à Loch Abar, bana-Ghàidheal chliùiteach a bha na bàrd do
Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. Sgrìobh mi mu Mhàiri ann an Litir 76.
Bha an leabhran – a tha ri fhaighinn cuideachd air an eadar-lìon – airson
luchd-turais a bha a’ tighinn don Ghàidhealtachd airson spòrs air a’ bhlàr
a-muigh. Aig an àm sin, bha tòrr dhen luchd-obrach air na h-oighreachdan
Gàidhealach gun Bheurla, agus bhiodh an luchd-turais – no feadhainn aca –
ag ionnsachadh abairtean Gàidhlig airson bruidhinn riutha.
Agus seo cuid de na h-abairtean a thagh Màiri airson an leabhrain.
Mach am bàta. Out with the boat. Mach am bàta. Suas an seòl.Up with the sail. Suas an seòl. Gabh an stiùir. Take the helm. Gabh an stiùir.
ʼS e sgòd a chanas sinn ri ròp a tharraingeas air seòl airson a
theannachadh no a lasachadh. Thàinig am facal on t-Seann Lochlannais. Ann
am Beurla, ʼs e sheet a chanas sinn. Airson ‘ haul the sheet’, canaidh sinn ‘tarraing an sgòd’ ann an Gàidhlig.
Tarraing an sgòd. Tarraing teann e ‘haul it taught’. Tarraing
teann e. Lasaich e ‘slacken it’. Lasaich e. Bi ealamh ‘be quick’. Bi ealamh.
Tha briathrachas a bharrachd mu a leithid ann am Faclair Dwelly. Mar
eisimpleir – sgòd an t-siùil thoisich ‘foresail sheet’, sgòd an t-siùil-spreòid ‘jibsheet’ agus sgòd an
t-siùil mheadhain ‘mainsheet’.
Airson ‘down with the sail’, tha Màiri ag innse dhuinn gu sìmplidh
‘Nuas an seòl’. Chan eil i ag innse dhuinn dè a’ Ghàidhlig a th’ air halyard, ròp leis am bithear a’ togail no a’ leagail seòl. Tha
Dwelly ag innse dhuinn gur e tarraing a th’ ann; tarraing an
t-siùil thoisich ‘foresail halyard’. An àite a bhith ag ràdh
‘Tarraing an tarraing’ airson ‘haul on the halyard’, ge-tà, bhiodh
e na bu choltaiche gun canamaid ‘suas an seòl’ no ‘tog an seòl’ airson‘raise the sail’, agus ‘nuas an seòl’ no ‘leag an seòl’ airson ‘drop the sail’.
Ma dh’fhalbhas a’ ghaoth, ma dh’fhàsas i ro chiùin airson seòladh, seo
sreath abairtean bhon leabhran a dh’fhaodadh a bhith feumail: Nuas an seòl.
Dh’fhalbh a’ ghaoth. Mach na ràimh. Iomraibh, ʼillean gasta. Sin sibh
fhèin, ʼillean. Is math a rinn sibh. Fhuair sinn latha math. Cadal math
dhuibh!
Chan eil guth air ‘outboard motor’ anns na h-abairtean, ach
tuigidh sibh carson. Cha robh a leithid ann aig an àm sin. Nam falbhadh a’
ghaoth, cha bhiodh cothrom air. Dh’fheumadh sibh – no na
gillean air an oighreachd – na ràimh a thoirt a-mach agus am bàta iomradh
gu tìr.