An robh sibh riamh aig Loch a’ Ghartain ann an Srath Spè? Tha e faisg air
Coit Ghartain, far am biodh daoine a’ dol a-null is a-nall thar Uisge Spè
ann an coit – bàta beag – anns an t-seann aimsir. Tha Loch a’ Ghartain
ainmeil an-diugh oir ʼs e fear de na h-àiteachan as fheàrr ann an Alba
airson an iolair-uisge fhaicinn. Tha e cuideachd gu math brèagha, le
coille-ghiuthais ceithir-timcheall air. Tha cothrom an sin an capall-coille
fhaicinn.
Bhathar ag ràdh aig aon àm gun robh creutair os-nàdarrach a’ fuireach anns
na coilltean timcheall Loch a’ Ghartain. ʼS e am Bodach a chanadh muinntir
an àite ris. Chan eil fhios a’m am faiceadh daoine càil, ach chluinneadh
iad am Bodach a’ glaodhaich is a’ caoidh. Bha iad ag ràdh gun robh e ag
innse gum biodh bàs ann.
Bha fear Dòmhnall Mac a’ Phearsain às an Tulach am measg na feadhainn a
thug cunntas air a’ Bhodach. Bhiodh e a’ coinneachadh ri caraidean air an
Tulach a h-uile seachdain airson cairtean a chluich, agus drama no dhà a
ghabhail.
Oidhche a bha seo, goirid ro mheadhan-oidhche, bha iad a’ cluich chairtean,
ach cha robh uisge-beatha air fhàgail aca. B’ e Dòmhnall Mac a’ Phearsain
am fear a b’ òige dhen chuideachd. Chaidh iarraidh air falbh gu bothan far
am faigheadh e tuilleadh uisge-bheatha. Chaidh Dòmhnall ann, thog e na
botail agus thill e don taigh far an robh a charaidean.
Bha an oidhche ciùin agus bha an iarmailt làn rionnagan. Cha robh lòchran
aig Dòmhnall, ach bha e furasta gu leòr dha a shlighe fhaicinn. Ràinig e
glac far an robh preasan aitinn a’ fàs. Chuala e fuaim coltach ri each a
bha a’ feuchainn ri èirigh gu a chasan. An uair sin, chuala e nàdar de
sgread mar gun robh an t-eagal air an each.
Thug Dòmhnall sùil mun chuairt ach cha robh sgeul air each no càil eile.
Bha e dhen bheachd gun robh a charaidean ri cleas. Dh’èigh e nach robh
dragh sam bith air. Ach cha robh duine eile ann. Thàinig an t-eagal air an
duine òg agus lean e air gu sgiobalta. Ràinig e bad chraobhan-beithe
leth-cheud slat bhon taigh far an robh a charaidean. An sin, chuala e
sgreuch os a chionn anns na geugan. Bha e an dùil gun tigeadh a charaidean
a-mach às an taigh nuair a chuala iad an sgreuch. Ach cha do nochd duine.
Chaidh Dòmhnall a-steach agus bha e follaiseach nach robh a charaidean air
càil a chluinntinn. Cha do dh’inns e dad dhaibh.
Aig trì uairean sa mhadainn, thàinig an cèilidh gu ceann. Bha dachaigh
Dhòmhnaill air rathad eadar-dhealaichte bho chàch. Bha e a’ coiseachd leis
fhèin – mu chòig ceud slat air rathad a’ bhaile-fearainn agus trì cheud
slat air an rathad phoblach. Gu h-obann, nochd rudeigin geal, solasach air
a bheulaibh. Bha e coltach ri siota geal.
Cha robh Dòmhnall airson leantainn air a shlighe, ach cha robh e airson
tilleadh don àite às an tàinig e na bu mhotha. Mar sin,
dh’fhàg e an rathad agus choisich e dhachaigh thar an fhraoich. Agus chuala
e an aon sgreuch eagallach a chuala e nuair a bha a’ faighinn an
uisge-bheatha. A-nise, bha eagal a bheatha air. Ach dè
rinn e? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.