Loch a’ Ghartain (1)
Were you ever at Loch Garten in Strathspey? It’s one of the best places
in Scotland to see the osprey. It’s beautiful, surrounded on all sides
by pine forest.
It was said at one time that a supernatural creature was living in the
woods around the loch. The local people called in ‘The Bodach’. They
would hear the Bodach during the night. He would call and cry.
One Donald MacPherson from Tulloch was among those who gave us an
account of the Bodach. He would meet with friends in Tulloch every week
to play cards and to take a dram or two.
One particular night, they were playing cards. But they had run out of
whisky. Donald was younger than the others. He was asked to go to a
bothy for more whisky. Donald went there, and started on the way back.
The night was calm. Donald didn’t have a lantern, but it was enough for
him to see his way. He reached a hollow where juniper bushes were
growing. He heard a sound like a horse trying to rise to its feet. Then
he heard a sort of screech . It was as if the horse was afraid.
Donald looked around. There was no sign of a horse. His friends had
heard nothing. He didn’t tell them anything.
At three o’ clock in the morning, the meeting came to a close. Donald’s
home was on a different road from the others. He was walking alone.
Suddenly a white, luminous thing appeared in front of him.
Donald didn’t want to continue and he didn’t want to return to the place he
had come from. So he left the road. He walked home across the heather
(moor). And he heard the same frightening scream he heard when he was
getting the whisky. Now he was scared. But what did he do? I’ll tell you in
the next Litir.
Loch Garten (1)
An robh sibh riamh aig Loch a’ Ghartain ann an Srath Spè? ʼS e fear de na
h-àiteachan as fheàrr ann an Alba airson an iolair-uisge fhaicinn. Tha e
brèagha, le coille-ghiuthais ceithir-timcheall air.
Bhathar ag ràdh aig aon àm gun robh creutair os-nàdarrach a’ fuireach anns
na coilltean timcheall an locha. ʼS e ‘Am Bodach’ a chanadh muinntir an
àite ris. Bhiodh iad a’ cluinntinn a’ Bhodaich air an oidhche. Bhiodh e a’
glaodhaich is a’ caoidh.
Bha fear Dòmhnall Mac a’ Phearsain às an Tulach am measg na feadhainn a
thug cunntas dhuinn air a’ Bhodach. Bhiodh e a’ coinneachadh ri caraidean
air an Tulach a h-uile seachdain airson cairtean a chluich, agus drama no
dhà a ghabhail.
Oidhche a bha seo, bha iad a’ cluich chairtean. Ach cha robh uisge-beatha
air fhàgail aca. Bha Dòmhnall na b’ òige na càch. Chaidh iarraidh air falbh
gu bothan airson tuilleadh uisge-bheatha. Chaidh Dòmhnall ann, agus
thòisich e air an rathad air ais.
Bha an oidhche ciùin. Cha robh lòchran aig Dòmhnall, ach bha e furasta gu
leòr dha a shlighe fhaicinn. Ràinig e glac far an robh preasan aitinn a’
fàs. Chuala e fuaim coltach ri each a bha a’ feuchainn ri èirigh gu a
chasan. An uair sin, chuala e nàdar de sgread. Bha e mar gun robh an
t-eagal air an each.
Thug Dòmhnall sùil mun chuairt. Cha robh sgeul air each. Thill e don taigh.
Cha robh a charaidean air càil a chluinntinn. Cha do dh’inns e dad dhaibh.
Aig trì uairean sa mhadainn, thàinig an cèilidh gu ceann. Bha dachaigh
Dhòmhnaill air rathad eadar-dhealaichte bho chàch. Bha e a’ coiseachd leis
fhèin. Gu h-obann, nochd rudeigin geal, solasach air a bheulaibh.
Cha robh Dòmhnall airson leantainn air agus cha robh e airson tilleadh don
àite às an tàinig e. Mar sin, dh’fhàg e an rathad. Choisich e dhachaigh
thar an fhraoich. Agus chuala e an aon sgreuch eagallach a chuala e nuair a
bha e a’ faighinn an uisge-bheatha. A-nise, bha eagal air. Ach dè rinn e?
Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.