Bha mi ag innse dhuibh mu Dhòmhnall Mac a’ Phearsain agus am Bodach a bha
beò anns na coilltean timcheall Loch a’ Ghartain ann an Srath Spè. Nuair a
chunnaic e an rud geal anns an dorchadas, rinn Dòmhnaill air an taigh aige
na dheann. Nuair a ràinig e an cidsin, chaidh e an laigse
agus thuit e.
Chuala a mhàthair am fuaim a rinn e nuair a thuit e, agus dh’èirich i bhon
leabaidh aice. Rinn i trod air airson a bhith a-muigh cho anmoch ach bha
uiread de dh’eagal air Dòmhnall mu na chunnaic ʼs na chuala e ʼs nach tuirt
e dad mu dheidhinn chun an ath latha.
Bha diofar bheachdan aig daoine nuair a chuala iad an naidheachd aige. Bha
cuid dhen bheachd gun robh e na dhearbhadh gur e obair an Diabhail a bh’
ann an cluich chairtean. Bha cuid eile, ge-tà, dhen bheachd gur e am Bodach
a chuir eagal air. Bhiodh daoine ga chluinntinn nuair a bha bàs an impis
tighinn air cuideigin anns an sgìre. Agus, thathar ag ràdh, goirid an dèidh
na h-oidhche sin, chaochail am fear aig an robh am baile-fearainn air mhàl
far an robhar a’ cluich chairtean.
Nise, goirid an dèidh sin, thiodhlaic iad an duine bochd anns a’ chladh aig
an t-seann eaglais ann an Ceann Chàrdainn. Aig an àm sin, bhite a’ toirt
dust duine don chladh ann an cairt a bh’ air a tarraing le eich. An turas
seo, fhuaireadh a’ chairt o fhear an taigh-òsta ann an Drochaid Neithich.
Bha i air a tarraing le dà àigeach gheal.
Tha mi an dùil gun tug iad an seann rathad faisg air an Tulach. Nuair a
ràinig iad an t-àite far an robh Dòmhnall Mac a’ Phearsain air an rud geal
fhaicinn air an oidhche, thòisich na h-àigich air sabaid le chèile. Bha iad
a’ breabadh ʼs a’ bìdeadh ʼs ag èirigh air an casan deiridh. Mu dheireadh,
chuir an carbad-tiodhlacaidh car. Ach bha na h-eich fhathast a’ sabaid ged
nach robh iad air an casan tuilleadh. Agus leig fear dhiubh sgreuch coltach
ris an sgreuch a chuala Dòmhnall air an oidhche a bha e a-muigh leis fhèin.
An robh an dà-shealladh air Dòmhnall? An robh e air manadh fhaicinn? Am b’
iad na h-àigich am Bodach ann an dha-rìridh? ʼS iomadh còmhradh a bh’ aig
muinntir an àite air na thachair airson ùine mhòr.
A bharrachd air a’ Bhodach, bha daoine a’ cumail a-mach gun robh biast-uisge air choreigin a’ fuireach anns an loch fhèin.
Chan e each-uisge no tarbh-uisge a bh’ ann, ach rudeigin eadar na dhà. Bha
e dubh le muing mhòr air, agus ceann mòr. Bhathar ga fhaicinn mar bu trice
ri taobh an uillt a tha a’ dol bho Loch a’ Ghartain gu ruige Loch
Mallachaidh mu leth-mhìle air falbh. Bhathar dhen bheachd gum biodh an
creutair seo ag ithe clann òg agus uain. Bhiodh e a’ tighinn a-mach air an
oidhche, agus bhiodh daoine ga chluinntinn, agus e ri bùirich.
Bha aon chroitear na bu dàna na càch agus chuir e roimhe a’ bhiast
eagallach seo a chur an grèim. Bha e gu math innleachdach agus tha cuid a’
cumail a-mach gun do rinn e an gnothach. Ach ciamar? Cluinnidh sibh
an-ath-sheachdain.