Bha mi ag innse dhuibh mun Uaimh Mhòir faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich. Thog
Clann ʼic Ille Naoimh creach air fearann Mhic a’ Phearsain Chluainidh.
Chuir Mac a’ Phearsain a nighean gu ruige Clann ʼic Ille Naoimh mar
theachdaire, feuch an gnothach a rèiteach.
Bha Clann ʼic Ille Naoimh gu math mì-mhodhail dhi. Chuir iad air ais
dhachaigh i gun chòta bàn oirre, agus leis an tarbh a chaidh a ghoid na
cois. Ach bha an tarbh gun teanga. Bha sin na dhùbhlan mòr do Mhac a’
Phearsain agus chuir e roimhe dìoghaltas a dhèanamh air Clann ʼic Ille
Naoimh.
Chuir fear de Chlann ʼic a’ Phearsain – Alasdair Cainnteach – feachd de
cheud duine ri chèile. Ann an dorchadas na h-oidhche, dh’fhalbh iad a-mach
agus thug iad ionnsaigh mharbhtach air Clann ʼic Ille Naoimh. Thathar ag
ràdh nach robh ach ochd duine deug de Clann ʼic Ille Naoimh fhathast beò an
ath mhadainn. Bha iadsan gan cumail fhèin am falach anns na coilltean
timcheall an Ràta.
Cha do theich iad às an sgìre, ge-tà. Dh’fhuirich iad ann agus, gu sàmhach
agus ann an dìomhaireachd, chruthaich iad an taigh fo-thalamh ris an canar
an-diugh an Uamh Mhòr. Thog iad taigh tuathanaich os a chionn. Agus
dh’fhuirich iad an sin, gu sàmhach, dìomhair airson grunn bhliadhnaichean.
Bha doras-bùird ann an ùrlar a’ chidsin. Bhiodh na boireannaich a’ cur
biadh sìos do na fir tron doras sin.
Bha amharas aig Alasdair Cainnteach gun robh cuid de dh’fhir Clann ʼic Ille
Naoimh air maireachdainn beò, ach cha robh fios aige cà’ robh iad. An robh
iad air teicheadh no an robh fhathast a’ fuireach ann am Bàideanach ann an
dìomhaireachd? Chuir e roimhe faighinn a-mach.
Dh’fhalbh e à fianais airson greis agus leig e le fheusag fàs gus an robh i
gu math mòr, fada. Chuir e e fhèin ann an riochd dìol-dèirce agus feasgar a
bha seo, chaidh e gu taigh an tuathanaich ann an Ràt. Dh’iarr e air na
boireannaich gum faigheadh e cuid na h-oidhche aca. Dhiùlt
iad e, agus dh’iarr iad air falbh.
Ach, nuair a dh’fheuch na boireannaich ri a chur a-mach às an taigh,
thòisich e air sgreuchail le pian, agus e a’ cumail a-mach gun robh e a’
fulang leis a’ chloich-fhuail no kidney stone. Ghabh na
boireannaich truas ris a’ bhodach agus leig iad leis a dhol a chadal air
beulaibh an teine anns a’ chidsin.
Thug Alasdair a’ chreidsinn gun robh e air a dhol a chadal. An uair sin,
dh’fhosgail na boireannaich an doras-bùird anns an ùrlar, agus chuir iad
biadh sìos do na fir a bha am falach. Chunnaic Alasdair Cainnteach a h-uile
càil. Dh’fhalbh e an ath mhadainn agus chuir e feachd làidir ri chèile.
Chaidh iad gu taigh an tuathanaich agus lorg iad na fir anns an Uaimh Mhòir
fon ùrlar. Thathar ag ràdh gun do gheàrr iad cinn nam fear falaichte dhiubh
air stoc craoibhe taobh a-muigh doras mòr an taighe.
Feumaidh gun deach an taigh a leagail agus a’ chlach gu lèir a bh’ ann a
thoirt air falbh, oir chan eil sgeul an-diugh air. Chan eil ann ach an Uamh
Mhòr fhèin. Co-dhiù, sin an sgeul.
Agus, thathar ag ràdh ann am Bàideanach gu bheil sliochd Alasdair
Cainnteach a’ fulang leis a’ chloich-fhuail chun an latha an-diugh.