Bha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’. Bha am
famhair na chadal. Rinn nighean an fhamhair sia bonnaich bheaga. Chuir i
fear ri taobh an teine agus fear aig uisge nan cas. Chuir i fear aig doras
an t-seòmair agus fear aig doras a’ chidsin. Chuir i fear ri taobh na leapa
agus fear aig a’ bhobhstair. Theich i fhèin agus an gille.
Dhùisg am famhair. ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’ ghlaodh e.
‘Tha mi a’ smàladh an teine,’ thuirt am bonnach beag a bha ri taobh an
teine.
Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’
dol a laighe, a nighean?’
‘Tha mi a’ glanadh mo chasan,’ ars am bonnach beag a bha ri taobh uisge nan
cas.
Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’
dol a laighe, a nighean?’
‘Tha mi a’ fosgladh an dorais,’ ars am bonnach beag aig doras an t-seòmair.
Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’
dol a laighe, a nighean?’
‘Tha mi a’ glasadh an dorais a-muigh,’ thuirt am bonnach beag aig doras a’
chidsin.
Chaidh am famhair a laighe. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol
a laighe, a nighean?’
‘Tha mi a’ cur dhìom m’ aodaich,’ ars am bonnach ri taobh
na leapa.
Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’
dol a laighe, a nighean?’
‘Tha mi a’ togail m’ aodaich-oidhche,’ ars am bonnach beag aig a’
bhobhstair.
Chaidil am famhair a-rithist. An turas seo, nuair a dhùisg e, agus nuair a
dh’èigh e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’, cha d’ fhuair e
freagairt. Dh’èirich e agus chuir e air a chuid aodaich ʼs
a bhòtannan. Dh’fhalbh e a-mach. Nuair a bha a bhòtannan air, bha e a’
dèanamh seachd mìle air a h-uile ceum.
Chuala an nighean am famhair a’ tighinn. ‘Seo m’ athair,’ thuirt i ris a’
ghille. ‘Bidh e ag iarraidh ar marbhadh. Ach tha laigse aige. Tha
ball-dòrain aige.’ Thog i ubhal òir agus dh’amais i air a bhall-dhòrain e.
Thuit am famhair marbh.
Chùm an nighean agus an gille orra. Bha iad a’ tighinn faisg air baile mòr.
Bha iad le chèile a’ dol a shireadh obair. Dh’aontaich iad gur dòcha nach
biodh iad còmhla fad na h-ùine ach thug an nighean rabhadh don ghille. ‘Ma
bheir thu pòg do bheathach no duine fhad ʼs a tha sinn anns a’ bhaile,’
thuirt i, ‘cha bhi cuimhn’ agad gun robh mo leithid ann.’
Nuair a ràinig an gille am baile, thàinig cù mòr dha ionnsaigh. Chuir an cù
a spòg mu mhuineal a’ ghille, ʼs thug e pòg dha. Agus, an dèidh sin,
dhìochuimhnich an gille nighean an fhamhair. Fhuair e obair ann an taigh an
rìgh sa bhaile mhòr. Ghabh nighean an rìgh gaol air, agus bha iad a’ dol a
phòsadh.
Nise, fhad ʼs a bha seo a’ tachairt, bha nighean an fhamhair a’ coimhead
airson obair is àite-fuirich anns a’ bhaile mhòr. Cha do lorg i càil ach
obair aig gobha ann an ceàrdach. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair
sin nuair a bheir mi an stòiridh gu crìch.