Tha ceud is fichead bliadhna air a dhol seachad on a chaidh a’ chompanaidhHozier Engineering a chur air dòigh. Agus cò bh’ ann an Hozier Engineering? Uill, ʼs e companaidh a bh’ ann, stèidhichte
ann an Glaschu, a bha a’ togail chàraichean gu coimeirsealta. Seadh, bha
gnìomhachas togail chàraichean againn ann an Alba, fada mus robh guth air
a’ Hillman Imp!
Cha bhi cuimhne agaibh air carbadan-ola a bha ainmichte
mar Hoziers, oir cha robh a leithid ann. Ach ʼs dòcha – ma tha ùidh agaibh
ann an eachdraidh thionnsgalach na h-Alba – gu bheil sibh air cluinntinn
mun Argyll. Bha na h-Argylls air an dèanamh aig factaraidh Hoziers
ann an Glaschu. Tha mi airson innse dhuibh mun deidhinn agus mu dheidhinn
Alexander Govan a bh’ air cùl an Argyll.
Thogadh e ann am bochdainn
ann am Baile an t-Saoir ann an Siorrachd Lannraig. Ghluais a theaghlach gu
ruige Baile na Drochaid ann an Glaschu ach bha iad air an cuairteachadh le
bochdainn an sin cuideachd.
Bha Ailig airson piseach a thoirt air a shuidheachadh fhèin. Chaidh e gu
colaiste theicnigeach, far an do rinn e gu math. An uair sin, chaidh e
fhèin ʼs a bhràthair-chèile còmhla airson rothairean a dhèanamh. Ge-tà, bha
cùisean doirbh aig an àm sin airson luchd-dèanaimh rothairean. Cha robh a’
mhargaidh a’ dol am meud luath gu leòr airson na bh’ ann de chompanaidhean
a bha gan dèanamh.
Ghluais Ailig a Shasainn – gu Redditch ann am Worcestershire, far an d’
fhuair e obair ann am factaraidh einnseanairidh. Thòisich a’ chompanaidh
air càraichean a thogail, le bhith a’ cleachdadh phàirtean a bhuineadh do
chàraichean a bh’ air an togail ann an dùthchannan eile.
Dh’ionnsaich Ailig gu leòr an sin airson obair a ghabhail ann an Glaschu
mar mhanaidsear air companaidh a bh’ air a bhith a’ dèanamh rothairean – The Scottish Manufacturing Company. ʼS e an entrepreneur, Uilleam
A Mac a’ Ghobhainn, a bh’ air cùl na companaidh. Bha e na shàr-eòlaiche air
lagh nam peutantan. Bha Mac a’ Ghobhainn airson a dhol an sàs ann an togail
charbadan-ola, agus dh’fhastaich e Ailig Govan airson cruth-atharrachadh a
thoirt air a’ chompanaidh. Dh’atharraich iad a h-ainm gu The Hozier Engineering Company.
Bha càr aca taobh a-staigh beagan mhìosan. ʼS e Argyll Voiturette
a chanadh iad ris agus bhathar ga reic aig prìs reusanta – ceud, caogad ʼs
a còig gini. ʼS e voiturette a chanadh daoine ri mòran chàraichean
beaga aig an àm sin, agus bha an Argyll stèidhichte air voiturette
a chaidh a thogail le Renault san Fhraing.
Ach carson nach tug Renault gu cùirt iad? Uill, mar a bha mi ag ràdh, bha
ceannard Hozier, Uilleam Mac a’ Ghobhainn, na eòlaiche air lagh nam
peutantan! Ge-tà, bha aca ri bogsa-ghèaraichean ùr a dhealbhachadh, agus
thug Hozier a-mach peutant airson sin.
Bha dà is trì-chairteal horsepower ann an einnsean a’ voiturette
agus bha an t-einnsean ann an toiseach a’ chàir. Bha e air fhionnarachadh
le rèididheatar làn uisge. Bha aingleachadh dealain ann, agus càrbradair
math Frangach.
Bha an t-einnsean air a cheangal ris na cuibhlichean deiridh le
fearsaid-dràibhidh, cluidse agus bogsa-ghèaraichean a bha ag obair aig trì
astaran. B’ e an t-astar a bu luaithe aig a’ Voiturette ochd mìle deug san
uair. Bidh tuilleadh agam air an Argyll an-ath-sheachdain.