FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Ranger agus Black 47

Am faca sibh riamh am film, An Ranger?

Audio is playing in pop-over.

An Ranger agus Black 47

Am faca sibh riamh am film, An Ranger? Chaidh a dhèanamh ann an 2008 agus tha e ann an Gàidhlig na h-Èireann air fad. Gheibhear e air YouTube. Chan eil e ach deich mionaidean a dh’fhaid, agus saoilidh mi gu bheil e air a dhèanamh gu math. Tha fo-thiotalan Beurla air, ach do luchd-labhairt Gàidhlig na h-Alba, tha e furasta gu leòr a thuigsinn às aonais nam fo-thiotalan.

Tha am film mu dheidhinn saighdear Èireannach – Gàidheal à Conamara – a tha a’ tilleadh dhachaigh, an dèidh a bhith thall thairis, ann an seirbheis na h-Ìmpireachd, fad bliadhna air fhichead. Nuair a ruigeas e a sheann dachaigh, chan eil mullach air. Chan eil sgeul air duine beò. Agus tha mucan a’ fuireach anns an tobhta. Tha an saighdear air a sgreamhachadh.

Fhad ʼs a bha e air falbh, bha gort a’ bhuntàta ann. Rinn sin sgrios air feadh taobh an iar na h-Èireann. Bha fuadaichean ann cuideachd. Thill ar caraid dhachaigh sa bhliadhna ochd ceud deug, caogad ʼs a ceithir (1854).

Tha e a’ dol gu taigh co-ogha a mhàthar – am fear leis a bheil na mucan. Tha an co-ogha a’ cur na coire airson na thachair air na Sasannaich – agus Albannach no dhà. Bha màthair an t-saighdeir air a fuadachadh às a dachaigh, agus chaochail i ann an taigh nam bochd.

Ach chan eil an saighdear a’ gabhail ri leisgeul an duine eile. Tha e a’ toirt sgian mhòr a-mach – khukuri a fhuair e ann an Àisia. Tha e a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas air an fheadhainn a rinn sgrios air a theaghlach. Airson a’ chòrr, feumaidh sibh am film fhaicinn!

ʼS dòcha gum bi feadhainn agaibh ag ràdh – ist, a Ruairidh, tha thu a’ bruidhinn air a’ film Black 47 a nochd air sgàileanan mòra an t-saoghail an-uiridh. Agus bhiodh sibh ceart. Bha Black 47 stèidhichte air An Ranger – ged a tha e mòran nas fhaide, agus a’ toirt a-steach murt is marbhadh nach eil a’ nochdadh sa film ghoirid Ghaeilge. Agus tha e a’ tachairt seachd bliadhna roimhe, ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a seachd (1847).

Nam biodh sibh a’ coimhead airson film a tha làn àbhachdais is fealla-dhà, cha mholainn Black 47 dhuibh. Tha e gu math dorch, dòrainneach. Ach tha e air a dheagh dhèanamh. Agus thug e toileachas dhomh na bh’ ann de Ghàidhlig na h-Èireann ann.

Cha chreid mi gun robh blas Chonamara aig a h-uile duine a bha a’ bruidhinn ‘as Gaeilge’ ach, a dh’aindeoin sin, saoilidh mi gun do rinn an cleasaiche a chluich an caractar aig meadhan a’ ghnothaich – an seann saighdear, O Fiannaidhe – sioba mhath dheth. Cha robh facal Gaeilge aige mus do thòisich e air a’ phròiseact. Chan eil e Èireannach, gu dearbh, ach Astràilianach. ʼS e Seumas Frecheville an t-ainm a th’ air.

An àite a bhith a’ toirt a’ chreidsinn gun robh Beurla aig a h-uile duine – à la Braveheart – bha aon charactar na eadar-theangair a thug taic do shaighdearan Sasannach a bha an tòir air O Fiannaidhe. Agus leig sin le muinntir Chonamara a bhith a’ bruidhinn nan cànan fhèin sa film. Dh’obraich sin gu math agus tha mi an dòchas – an ath thuras a bhios film eachdraidheil stèidhichte air Gàidhealtachd na h-Alba – gum bi a h-àite aig a’ Ghàidhlig mar bu chòir.

Litir 1019 Litir 1019 Litir 1021 Litir 1021

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!