Am faca sibh riamh dol-fodha na grèine ann an àite tropaigeach? Bidh a’
ghrian a’ dol fodha gu luath. Agus cha mhair solas an latha fada an dèidh
dol-fodha na grèine.
Ach smaoinichibh air Alba as t-samhradh. Bidh a’ ghrian a’ dol fodha gu
mall. Mairidh solas anns an iarmailt airson ùine mhòr mus tig dorchadas
ceart.
Cha bu chòir dha a bhith na iongnadh, ma-thà, gu bheil tòrr fhaclan is
abairtean ann an Gàidhlig co-cheangailte ri lughdachadh an t-solais anns an
adhar aig àm dol-fodha na grèine.
An toiseach – ciaradh. Tha e a’ ciallachadh ‘a’ fàs ciar’ – growing dusky. Bidh sinn a’ bruidhinn air ciaradh an fheasgair. Bidh sinn ag ràdh, tha am feasgar a’ ciaradh. Cuideachd tha ciaradh na h-oidhche ann agus ciaradh an anmoich.
Saoilidh mi gur e seann fhacal Ceilteach a th’ ann an ciar. Ach
tha facal eile againn airson ciaradh an fheasgair a tha a’ tighinn bhon
Bheurla Ghallta. ʼS e sin glòmadh. Thàinig e à gloamin – no gloaming ma thogras sibh. Ged a bhios sinn a’
smaoineachadh air an fheasgar nuair a chluinneas sinn am facal glòmadh, faodaidh e a bhith a’ ciallachadh solas na maidne
cuideachd.
Glòmadh an latha – morning twilight. Glòmadh na h-oidhche – evening
twilight.
Bidh camhanach – no camhanaich – a’ seasamh airson twilight – anns a’ mhadainn no feasgar. Canaidh sinn camhanach an latha no camhanach na maidne airson morning twilight, agus camhanach na h-oidhche airson evening twilight. Leis fhèin, bidh a’ chamhanach no a’ chamhanaich
mar as trice a’ ciallachadh ‘dawn’.
Ann am faclair Dwelly, tha an gnìomhair ann – breac-shoillsich ‘glimmer as the twilight’. Breac-shoillsich. Tha eadar-shoillsich aig Dwelly cuideachd airson ‘glimmer, as in twilight or dawn’. Eadar-shoillsich.
Tha am facal iomall-soillse ann cuideachd – iomall-soillse. Agus an fhionnairidh. Tha seanfhacal againn:
Bheir fear na mocheirigh buaidh air fear na fionnairidh
‘the early riser beats the evening watcher’
. Bheir fear na mocheirigh buaidh air fear na fionnairidh.
Tha sgarthanaich ann cuideachd airson ‘dawn’ no ‘twilight’. Bha e an seo san sgarthanaich ‘he was here at dawn’. Agus – an
àite ciaradh na h-oidhche, tha abairt eile againn as toigh leam – fiaradh na h-oidhche. Dhòmhsa, tha e a’ riochdachadh deireadh an
latha, agus an solas a’ fiaradh mar a tha an Talamh a’ tionndadh air a
h-aiseal.
Tha dealachadh nan tràth ann cuideachd.
The separation of major times of day – the morning and evening twilight
. Tha dubh-thràth againn cuideachd airson twilight.
Airson evening twilight a-mhàin, tha dà abairt eile ann. Liath-fheasgar – tha sin ciallach gu leòr, nach eil? Nuair a tha
am feasgar a’ liathachadh. Agus iargal. Nise, ʼs e facal
inntinneach a th’ ann an iargal. Tha e stèidhichte air iar – the west – far am bi a’ ghrian a’ dol fodha. Bha iar
uaireigin a’ ciallachadh ‘behind’. Bha iargal o thùs a’
ciallachadh ‘remote district’ – à iar aguscùl – the behind place. Às a sin, tha sinn a’ faighinn an fhacail iargalta – inhospitable, churlish, surly. Cò shaoileadh gu bheil
facal grànda mar iargalta co-cheangailte ri dol-fodha na grèine a tha
uaireannan cho brèagha?