FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gàidhlig aig Murrayfield (1)

Cò am fear mu dheireadh, aig an robh Gàidhlig, a riochdaich Alba ann an gèam rugbaidh eadar-nàiseanta?

Audio is playing in pop-over.

Gàidhlig aig Murrayfield (1)

Cò am fear mu dheireadh, aig an robh Gàidhlig, a riochdaich Alba ann an gèam rugbaidh eadar-nàiseanta? Agus cò am fear mu dheireadh, aig an robh Gàidhlig, ach nach robh a’ riochdachadh Alba, a chluich aig Murrayfield ann an gèam eadar-nàiseanta? Leis an fhìrinn innse, chan eil mi buileach cinnteach. Ma tha fuasglaidhean nan ceist sin agaibh fhèin, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.

Ach tha adhbhar agam airson na ceistean sin a chur. Tha mi airson innse dhuibh mu dhithis – aig an robh Gàidhlig, ach a bha an aghaidh a chèile air a’ phàirc – a chluich aig Murrayfield a’ chiad turas a thug Alba a-mach an t-sàr-bhuaidh no grand slam. Sin nuair a nì aon dùthaich an gnothach air a h-uile dùthaich eile san fharpais. Thachair e sa bhliadhna naoi ceud deug, fichead ʼs a còig (1925).

Bha an seusan sin gu math mòr ann an eachdraidh rugbaidh ann an Alba. Dh’atharraich a’ bhuidheann-stiùiridh a h-ainm bho Scottish Football Union gu Scottish Rugby Union. Tron t-seusan, ghluais iad na geamannan eadar-nàiseanta aca gu stadium ur – Murrayfield.

Ach ghabh a’ chiad ghèam de dh’Fharpais nan Còig Dùthchannan àite anns an Fhaoilleach air an t-seann phàirc ann an Inbhir Lìte. Rinn Alba a’ chùis air an Fhraing. Thachair rudeigin annasach letheach-slighe tron ghèam sin. Bha leth-dhubhadh na grèine ann. ʼS dòcha gun robh sin na mhanadh de shoirbheas ...!

Bha sgioba mhath aig na h-Albannaich, gu h-àraidh am measg nan dìonadairean. Bha Seòras Mac a’ Phearsain air leth làidir. Bha, agus Iain Mac a’ Ghobhainn, a bha a’ cluich air an iomaill. Bha Mac a’ Phearsain agus Mac a’ Ghobhainn le chèile a’ cluich airson Oilthigh Oxford. Agus chuir Mac a’ Ghobhainn ceithir scòraichean an aghaidh nam Frangach.

Chuir e ceithir scòraichean a-rithist anns an dàrna gèam an aghaidh na Cuimrigh ann an Swansea. Bhuannaich Alba fichead ʼs a ceithir gu ceithir-deug. Anns an treas gèam ann am Baile Atha Cliath, rinn Alba a’ chùis air Èirinn. An uair sin thàinig na Sasannaich a Mhurrayfield air an aonamh latha fichead dhen Mhàrt airson a’ ghèam mu dheireadh air beulaibh seachdad mìle duine. Agus bha cothrom aig Alba an t-sàr-bhuaidh a thoirt a-mach airson a’ chiad turais riamh.

Bha an latha tioram is grianach, agus bha an gèam air leth teann. Bhuannaich Alba le trì puingean – ceithir-deug gu h-aon-deug. Ach bha na Sasannaich dhen bheachd gun robh Iain Mac a’ Ghobhainn air a chas a chur thar na loidhne-oisein leis a’ bhall na làimh goirid mus do chuir Alba an scòr mu dheireadh. Ge-tà, cha robh rèitire-bhidio ann airson dàrna beachd a thoirt air a’ chùis an uair sin!

Bha co-dhiù dithis air a’ phàirc air an latha ainmeil sin aig an robh Gàidhlig. Bha Iain Mac Ille na Brataich cliùiteach mar chluicheadair airson sgioba na h-Alba. Rugadh e ann an Glaschu ach bhuineadh athair do dh’Uibhist a Deas. Agus bha Gàidhlig aig Iain.

Anns an sgioba eile, bha fear Ruairidh MacIllInnein – Roderick Ross Forrest MacLennan. Ged a bha e a’ cluich airson Sasainn, rugadh esan cuideachd ann an Glaschu. Agus bha Gàidhlig aige.

An robh an dithis a’ bruidhinn ri chèile air a’ phàirc ann an Gàidhlig? Chan urrainn dhomh a ràdh. Ach bha an dèidh a’ ghèam, a rèir choltais. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

Litir 1001 Litir 1001 Litir 1003 Litir 1003

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!