Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh faclan à òran aig toiseach na Litreach an
t-seachdain seo. Tha mi airson ʼs gun inns sibh dhomh dè an ceangal a th’
ann eadar an t-òran agus an latha a thug sgioba Rugbaidh na h-Alba a-mach
an t-sàr-bhuaidh airson a’ chiad turais ann am Farpais nan Còig
Dùthchannan.
Gaol mo chridh-sa, Màiri Bhàn, Màiri bhòidheach, sgeul mo dhàin, ʼS i
mo ghaol-sa Màiri Bhàn, ʼS tha mi dol ga pòsadh.
ʼS ann aig cèilidh aig a’ Mhòd, Fhuair mi eòlas air an òigh, ʼS ise
choisinn am bonn òir, ʼS tha mi dol ga pòsadh.
Tha mi an dùil gum bi sibh ag aithneachadh an òrain. Sin dà rann à ‘Màiri
Bhàn’ no ‘Mairi’s Wedding’ mar a th’ ac’ air ann am Beurla. Chaidh a sgrìobhadh le
fear à Uibhist a Deas, Iain Ruairidh Mac Ille na Brataich. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Glaschu nuair a bha e na
ghille òg. Sgrìobh e an t-òran do Mhàiri NicNaoimhin nuair a bhuannaich i
am bonn òir aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a
ceithir (1934).
Chaidh an t-òran a dhèanamh ainmeil ann an dreach Beurla le Sir Hugh
Roberton on Chòisir Orpheus ann an Glaschu. Chuir esan tiotal ùr air ‘ The Lewis Bridal Song’ ged nach robh e ceangailte ri Eilean
Leòdhais idir! Bha Iain Mac Ille na Brataich à Uibhist agus bha Màiri
NicNaoimhin à Ìle!
Naoi bliadhna mus deach an t-òran a sgrìobhadh, bha mac Iain a’ cluich
airson sgioba Rugbaidh na h-Alba. ʼS e Iain a bh’ airsan cuideachd agus bha
Gàidhlig aige. Fhuair e ceip airson cluich airson na sgioba nàiseanta
trithead ʼs a seachd tursan anns na ficheadan. Ann an naoi ceud deug,
fichead ʼs a còig (1925) thug Alba a-mach an t-sàr-bhuaidh airson a’ chiad
turais riamh.
Na aghaidh, ann an sgioba Shasainn, bha fear Ruairidh MacIllInnein – Roderick Ross Forrest MacLennan. Ged a bha e a’ cluich airson
Sasainn, rugadh e ann an Glaschu. Bhuineadh athair do Chrothaigh eadar
Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Agus bha Gàidhlig aige. Cha robh e cho
soirbheachail ri Iain Mac Ille na Brataich mar chluicheadair rugbaidh. Cha
do bhuannaich e ach trì ceipean.
Bha fear eile ann an sgioba Shasainn an latha sin aig an robh ceanglaichean
do dh’Alba. B’ esan Donnchadh Cuimeanach. An dèidh a’ ghèam bha cuirm ann
airson cluicheadairean na dà sgioba. Chuir an Cuimeanach agus Ruairidh
MacIllInnein seachad ùine ann an cuideachd Mhic Ille na Brataich, ag
ionnsachadh òrain Ghàidhlig bhuaithe!
Agus dè thachair don dithis Ghàidheal? Bha MacIllInnein na fhear-gnothaich
ann an Èirinn a Tuath fad ùine. Chuir e seachad na bliadhnaichean mu
dheireadh aige ann an Crothaigh far an robh e na chomhairliche sgìreil.
Chaidh Mac Ille na Brataich an sàs ann am poilitigs agus bha e na bhall
Libearalach ann an Taigh nam Morairean. Dh’fhàg e dìleab an dà chuid ann an
Gàidhlig agus rugbaidh. Bha gille aige, Iain, na sgoilear Gàidhlig ainmeil.
Bha nighean aige – Ray – na ball-pàrlamaid Lib-Deamach fad bhliadhnaichean.
B’ ise a’ chiad neach riamh a thug a-mach a bòidean mar bhall Thaigh nam
Morairean ann an Gàidhlig. Agus chluich ogha, Shade Munro, seachd tursan do
sgioba rugbaidh na h-Alba.