Tha grunn eileanan air a bheil an t-ainm – Flada no Fladaigh. Tha an t-ainm
a’ tighinn bhon t-Seann Lochlannais, a’ ciallachadh ‘eilean còmhnard’. Tha
dà eilean bheag air a bheil Flada ann an Sealtainn. Cha bhi sin na iongnadh
oir buinidh ainmean-àite Shealtainn gu lèir do dhualchas nan Lochlannach.
Dh’fhàg na Lochlannaich an dìleab air taobh an iar na h-Alba cuideachd. Tha
Flada eile gu siar air Eilean Luing ann an Earra-Ghàidheal. Cuideachd ann
an Earra-Ghàidheal tha Flada siar air Muile anns na h-Eileanan Treisnis.
Tha Flada Chuain gu tuath air an Eilean Sgitheanach. Tha e a-muigh sa
chuan, agus tha ainm ga chomharrachadh mar eadar-dhealaichte bho eileanan
eile air a bheil Flada no Fladaigh. Agus tha sin ciallach, oir beagan
mhìltean air falbh anns an Taobh Sear, tha eilean beag air a bheil Staffin
Island no Eilean Steinseil. Ach ʼs e mo thuigse gu robh ainm eile air an
eilean o shean – Fladaigh.
Tha eachdraidh is dualchas iongantach aig Flada Chuain. Tha tobhta seann
chaibeil ann a tha co-cheangailte ri Calum Cille. Agus sin an t-eilean far
an do chuir ceann-cinnidh nan Dòmhnallach a phàipearan laghail am falach
mus do dh’èirich e ann an adhbhar nan Seumasach ann an seachd ceud deug is
còig-deug (1715).
Tha aon Flada eile ann air a bheil mi eòlach. Tha sin far cladach an
iar-thuath Ratharsair agus chaidh mi ann o chionn ghoirid ann an gheat. Tha
caolas cumhang ann eadar Flada agus Ratharsair ach chan urrainn seòladh
troimhe air fad ann am bàta le druim mòr oir tha an dà eilean ceangailte ri
chèile le dòirlinn. Airson greis gach latha, aig àm an làin, bidh Flada na
eilean ceart, agus sàl ga chuairteachadh gu lèir.
Ma tha sibh ag iarraidh coiseachd ann, feumaidh sibh an carbad fhàgail aig
ceann Rathad Chaluim aig an Torran ann an Ratharsair. Tha ceum coiseachd dà
mhìle a dh’fhaid an uair sin a’ dol chun na dòirlinn.
ʼS e eilean snog a th’ ann am Flada. Tha e mìle gu leth ann am fad agus
beagan is leth-mhìle ann an leud. Tha e car còmhnard – mar a bhiodh dùil –
le loch anns a’ mheadhan. Tha boglaichean is mòinteach gu leòr ann ach,
timcheall a’ bhaile, far an robh an sluagh a’ fuireach, tha e rudeigin
torrach. Chanainn gun robh na Fladaich a’ cur buntàta is coirce is eòrna an
sin uaireigin. Agus bha cala math aca airson an cuid eathraichean.
Aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha caogad duine a’ fuireach ann.
Bhiodh na sgoilearan a’ coiseachd don sgoil ann an Torran ach cha b’
urrainn dhaibh fhaighinn thar a’ chaolais aig àm an làin. Anns na ficheadan dhen fhicheadamh linn, dh’iarr muinntir
an eilein air Comhairle Siorrachd Inbhir Nis drochaid no cabhsair a thogail
eadar Flada is Ratharsair. Dhiùlt a’ Chomhairle an t-iarrtas ach thog iad
sgoil ann am Flada fhèin.
Aig toiseach nan seasgadan cha robh ach dusan duine a’ fuireach ann am
Flada. Bha iad a’ tagradh airson cabhsair, uisge na pìob agus cumhachd an
dealain, ach dh’fhàs iad sgìth de bhith a’ feitheamh. Dh’fhàg iad uile an
t-eilean mus robh a’ bhliadhna seasgad ʼs a còig (1965) a-mach. Tha
trì taighean anns an eilean fhathast ach tha iad air an cur gu feum a-mhàin
as t-samhradh airson làithean-saora.