FaclairDictionary EnglishGàidhlig

537: Bàrdachd Rob Dhuinn

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bàrdachd Rob Dhuinn

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn air a bhith a’ toirt sùil bheag air beatha is bàrdachd Rob Dhuinn anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh. Tha mi a’ dol a thoirt sin gu crìch an-diugh le bhith a’ toirt sùil bheag air dàn a sgrìobh e. Tha e mu dheidhinn, mar gum biodh, an sealladh eadar-dhealaichte aig na Gàidheil agus aig na Goill air dùthaich agus dòigh-beatha nan Gàidheal – gu sònraichte ann an Dùthaich MhicAoidh.

Tha Rob a’ samhlachadh nan Gàidheal mar Iseabail, nighean aig Iain MacEachainn ’ic Iain. Bha Rob a’ fuireach còmhla ri Iain anns an t-Srath Mhòr fad ùine mhòr. Bha e ag obair mar bhuachaille dha. Bha Rob is Iseabail a’ faighinn tlachd bhon àrainneachd aca. Air an taobh eile, a’ riochdachadh sealladh nan Gall, mar gum biodh, tha piuthar Iseabail – Màiri. Tha Màiri air a bhith san sgoil ann an Inbhir Theòrsa – baile an ìre mhath Gallta – agus tha droch bheachd air èirigh na cridhe air Dùthaich MhicAoidh:

Cia b’ e dhèanadh mar rinn mis’, Bu mhist’ e e gu bràth,

Dhol don bheinn an aghaidh m’ inntinn, Mhill e mi ’s mo shlàint’,

Pàirt de m’ acainn bràigheach Mheirceinn, ’S àit gun mharcaid e,

Ach spàin is copraich ’s bà-theach fosgailt’ ’S gràinne shòp ri làr.

Tha i a-mach air Meirceann far nach robh marcaid – an coimeas ris na bailtean Gallta far an robh a leithid. Tha Meirceann air bruach Loch Hòb, gu tuath air Muiseal far an robh dachaigh Iain MhicEachainn ’ic Iain. Agus an do mhothaich sibh am facal bà-theach. Mar a sgrìobh Rob Donn e, tha e follaiseach cò às a thàinig am facal bàthaich – bho bà-theach no “cow house”.

Co-dhiù, tha Iseabail a’ freagairt casaidean Màiri, le bhith a’ dearbhadh cho brèagha ’s a tha an dùthaich dhi. Cuimhnichibh gun robh na bàird Ghàidhealach a’ sgrìobhadh ann an dòigh, dh’fhaodadh tu ràdh, romansach mun àrainneachd mus robh a leithid a’ tachairt ann an saoghal na Beurla:

Ciod am fàth mun tug thu fuath ’S ann do na bruachaibh àrd?

Nach fhaic thu fhèin nuair a thig an sprèidh Gur feumail iad len àl?

Cha chràdh cridh’ air làrach shuidhe Fuaim na lighe làin

Don ghnàth bhith cladhach ro a h-aghaidh Is feur an dèidh a’ fàs.

Tha Màiri ge-tà, a, leantainn, co-dhiù ann am mac-meanmna a’ bhàird, le a h-argamaid:

Na bha fìrinneach de d’ amhran Fhad ’s a bha ’n samhradh blàth, Rinn e tionndadh Oidhche Shamhna,

’S bheir an geamhradh ’shàr. Duille shuidhicht’ bàrr an fhiodha, Dh’fhàs i buidhe-bhàn,

’S tha beauty an t-Srath air call a dhath Le steall de chathadh-làir.

Ged nach robh Beurla aig Rob a-chaoidh, bhiodh e a’ stobadh a-steach fhaclan Beurla do a chuid bàrdachd aig amannan. ’S dòcha gun robh e a’ riochdachadh dòigh-labhairt nan uaislean a bha dhen bheachd gun robh e fasanta a bhith a’ cleachdadh fhaclan Beurla. Tha freagairt aig Iseabail do chasaidean Màiri. Ach cò bha a’ bruidhinn ann an dha-rìribh – Iseabail no Rob fhèin? Fàgaidh mi sibh leis an rainn seo air a bheil mi fhìn uabhasach measail. Tha e a’ riochdachadh gu soilleir bòidhchead an earraich air a’ Ghàidhealtachd:

Glèidhidh ’n talamh chun an t-samhraidh Sin a chrann e ’n-dràst;

Beith is calltainn Latha Bealltainn Gealltanach air fàs.

Bidh gruth is crathadh air na srathaibh ’S teirgidh ’n cathadh-làir

Nach binn an sealladh, glinn a’ stealladh Laoigh is bainne ’s bàrr.

Faclan na Litreach: buachaille: herdsman; Inbhir Theòrsa: Thurso; Muiseal: Muisel; romansach: romantic; mac-meanmna: imagination.

Abairtean na Litreach: bàrdachd Rob Dhuinn: Rob Donn’s poetry; anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh: in the last fortnight; mar gum biodh: as it were; tha Rob a’ samhlachadh nan Gàidheal mar Iseabail: Rob represents the Gaels as Ishbel; tlachd bhon àrainneachd aca: pleasure from their surroundings; cia b’ e dhèanadh mar rinn mis’: anyone doing as I have done; bu mhist’ e e: he’d be the worse for it; dhol don bheinn an aghaidh m’ inntinn: going to the mountain against my will; pàirt de m’ acainn bràigheach Mheirceinn: part of my grievance is the Merkin upland; gràinne shòp ri làr: grain chaff on the floor; ciod am fàth mun tug thu fuath: what is the reason for your antipathy; gur feumail iad len àl: that they are useful with their offspring; cha chràdh cridh’ air làrach shuidhe: it is no hardship to sit in a spot; fuaim na lighe làin: [in] the roar of the full flood; don ghnàth bhith cladhach ro a h-aghaidh: digging out its usual course; na bha fìrinneach de d’ amhran: what was true in your song; rinn e tionndadh Oidhche Shamhna: it changed at Halloween; bheir an geamhradh ’shàr: the winter will extinguish it; duille shuidhicht’ bàrr an fhiodha: the foliage situated at the tree tops; steall de chathadh-làir: the onset of snowdrift[s]; glèidhidh ’n talamh chun an t-samhraidh: the land will wait until summer; sin a chrann e ’n-dràst: it’s hibernating now; beith is calltainn Latha Bealltainn: birch and hazel on Beltane day; gruth is crathadh air na srathaibh: crowdie and churning in the straths; teirgidh ’n cathadh-làir: melting of the snow drifts; nach binn an sealladh, glinn a’ stealladh: how sweet the spectacle, glens a-spouting; laoigh is bainne ’s bàrr: calves and milk and cream.

Puing-chànain na Litreach: Ach spàin is copraich ’s bà-theach fosgailt’: but spoons and coppers and open byre. Did you realise that the origin of the word bàthaich (dialectally bàthach) is bà-theach. Teach is an old word for house (and still the standard word for house in Irish Gaelic). Taigh is originally an inflected form of teach (we also derive a-steach from teach). Bà-theach is literally “cow-house” ie “house of cows”.

Gnàthas-cainnt na Litreach: air a bheil mi fhìn uabhasach measail: which I really like myself.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 233

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean