ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

513: Tòimhseachan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bu mhath leam tòiseachadh le tòimhseachan an t-seachdain seo. Feumaidh sibhse tomhas a dhèanamh air cuspair an tòimhseachain:

Nighean bheag a’ chòta bhàin

Anns an t-sabhal is anns an àth

Mar (a) bu mhotha a bha i ’g ith’

’S ann (a) bu lugha a bha i (a’) fàs

A bheil e agaibh? Uill, seo dreach eile air an dearbh thòimhseachan. ’S dòcha an turas seo gum faigh sibh e:

Nighean bheag a’ chòta bhàin

’S i na suidhe ’s i ri cnàmh

Mar (a) bu mhotha a bha i ’g ith’

’S ann (a) bu lugha a bha i (a’) fàs

Tha mi cinnteach gu bheil e agaibh a-nise! Smaoinichibh air oidhcheannan dorcha a’ gheamhraidh mus robh cumhachd an dealain ann. ’S e nighean bheag a’ chòta bhàin – coinneal. Mar a bu mhotha a bha a’ choinneal ag “ithe” de chèir, ’s ann a bu lugha a bha i a’ fàs.

Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba dìreach air a bhith a’ comharrachadh an còigeamh co-latha-breith deug thar na trì fichead. Nise, chan e colbh poilitigeach a th’ anns an Litir seo agus chan eil mi ag ainmeachadh a’ phàrtaidh air sàillibh adhbharan poilitigeach. Ach bu mhath leam rudeigin a ràdh mun duine a bha na chiad cheann-suidhe aig an SNP nuair a thòisich iad o chionn seachdad ’s a còig bliadhna, oir ’s e duine iongantach a bh’ ann.

B’ esan Raibeart Coineagan Greumach. ’S iomadh rud iongantach a rinn e na bheatha ach tha e air a chuimhneachadh gu sònraichte airson a chuid sgrìobhaidh agus airson na rinn e ann am poilitigs.

Bhuineadh Raibeart do na h-uaislean agus thogadh e air oighreachdan ann an Siorrachd Rinn Friù agus Siorrachd Dhùn Bhreatainn. Bha a mhàthair leth-Spàinnteach agus ’s e Spàinntis a’ chiad chànan a bh’ aige. Bha e aig sgoil phrìobhaideach Harrow ann an Sasainn agus mu dheireadh ann an sgoil sa Bhruiseil. Dh’fhalbh e an uair sin gu ruige Argentina far an do rinn e airgead mòr mar rainsear cruidh. Cha b’ e sin àrach a bhite an dùil a dhèanadh e na nàiseantach Albannach!

Fhad ’s a bha e ann an Argentina, dh’fhàs e gu math sgileil air muin eich. Choisinn e cliù dha fhèin mar bhalach-cruidh no gaucho, agus ghabh e gràdh mòr air eich – rud a thigeadh am bàrr anns an sgrìobhadh aige. Bhathar eòlach air ann an Argentina mar Don Roberto.

Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883), chaochail athair. Thill Raibeart a Bhreatainn agus fhuair e an sàs ann am poilitigs. Ach, a dh’aindeoin àraich mar fhear de na h-uaislean bha Raibeart na shòisealach làidir. Cha robh am Pàrtaidh Làbarach ann am bith aig an àm, agus sheas Raibeart mar thagraiche Libearalach anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886).

Bha am manifesto aige gu math radaigeach. Bha e ag iarraidh gun cuirte às do Thaigh nam Morairean, gum faigheadh a h-uile inbheach, fireann is boireann, a’ bhòt, gum biodh na tionnsgalan mòra air an cur fo smachd na stàite, gum faigheadh clann dinnear sgoile an-asgaidh, gum biodh an ceangal bunreachdail eadar an stàit agus Eaglais Shasainn air a bhriseadh, nach biodh aig luchd-obrach ri barrachd na ochd uairean a thìde obrachadh gach latha agus gum faigheadh Alba fèin-riaghladh. Uill... bha iad sin gu math radaigeach aig an àm!

An ath-sheachdain chì sinn mar a chaidh beatha phoilitigeach Raibeirt tro atharrachadh mòr no dhà eile mus robh i seachad. Eu-coltach ri coinneal cha deach e an lughad le aois.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: tòimhseachan: puzzle; sabhal: barn; àth: kiln; coinneal: candle; cèir: wax; Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba: Scottish National Party; ceann-suidhe: president; Raibeart Coineagan Greumach: Robert Cunninghame Graham; sòisealach: socialist; radaigeach: radical; fèin-riaghladh: self-government.

Abairtean na Litreach: nighean bheag a’ chòta bhàin: little lass of the white coat; mar (a) bu mhotha a bha i ’g ith’: the more she ate; ’s ann (a) bu lugha a bha i (a’) fàs: the smaller she grew; ’s i na suidhe ’s i ri cnàmh: sitting and being eaten away; cumhachd an dealain: electricity; air sàillibh adhbharan poilitigeach: for political reasons; ’s e duine iongantach a bh’ ann: he was an amazing guy; ’s iomadh rud iongantach a rinn e na bheatha: he did many amazing things in his life; bhuineadh Raibeart do na h-uaislean: Robert belonged to the gentry; Siorrachd Rinn Friù agus Siorrachd Dhùn Bhreatainn: Renfrewshire and Dunbartonshire; sa Bhruiseil: in Brussels; rainsear cruidh: a cattle rancher; cha b’ e sin àrach a bhite an dùil a dhèanadh e na nàiseantach Albannach: that wasn’t an upbringing that would be expected to make him a Scottish nationalist; choisinn e cliù dha fhèin mar bhalach-cruidh: he won himself a reputation as a cowboy; rud a thigeadh am bàrr: something that would come to the fore; bhathar eòlach air: he was known as; mar thagraiche Libearalach: as a Liberal candidate; gum biodh na tionnsgalan mòra air an cur fo smachd na stàite: that the major industries would be nationalized; an ceangal bunreachdail eadar an stàit agus Eaglais Shasainn: the constitutional link between the state and the Church of England.

Puing-chànain na Litreach: an còigeamh co-latha-breith deug thar na trì fichead: their 75 th birthday. You will know that we are currently between two counting systems – the vigesimal still used by more elderly people and the decimal used in the schools (and which I generally employ in the Litir). Each system has strengths and weaknesses. In decimal parlance the 75 th birthday is an seachdadamh co-latha-breith ’s a còig. I might also have said, using the vigesimal system, an trì ficheadamh co-latha-breith ’s a còig-deug. But in this Litir, I decided to use the old-fashioned way of saying 75 th – which is how the psalms are counted, for example. A good book which deals with examples of this nature is Gràmar na Gàidhlig by Maoilios Caimbeul, a book of grammatical exercises designed for high school students but ideal for adult learners.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Eu-coltach ri coinneal cha deach e an lughad le aois: unlike a candle it didn’t diminish with age.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 209

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean