FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Beside Loch Ness Ri taobh Loch Nis

An t-seachdain sa chaidh bha sinn aig Dùn Dearduil faisg

Audio is playing in pop-over.

Ri taobh Loch Nis

An t-seachdain sa chaidh bha sinn aig Dùn Dearduil faisg air Loch Nis. Bho Inbhir Nis bidh cuid a’ dràibheadh a dh’ionnsaigh Dhùn Dearduil air rathad beag. Tha an rathad a’ tòiseachadh faisg air Tòrr an Eas. Cuideachd faisg air Tòrr an Eas tha loch. Tha ainm neònach air an loch. Loch Ceò Glais. Loch Ceò Glais. Loch of Grey Mist.

Bha mi a’ leughadh beagan mun àite. Bha an t-ùghdar ag ràdh nach e Ceò a bh’ anns an ainm, ach . Tha a’ ciallachadh “of Cia”. ’S e Cia ainm air seann dia pàganach Ceilteach. Mar sin, ’s e an t-ainm ceart air an loch – Loch Cè Glais. Tha sin a’ ciallachadh the loch of grey Cia.

Tha an rathad beag a Dhùn Dearduil cumhang. Tha e sàmhach sìtheil. Ach anns an t-seann aimsir cha robh an t-àite cho sìtheil. ’S e Baile Cheatharnach an t-ainm a bh’ air. The place of caterans, or freebooters. Baile Cheatharnach.

Air an rathad tha drochaid. Tha sin far a bheil an rathad a’ dol thairis air allt. Bha ainm-àite an sin co-cheangailte ris na ceatharnaich. Aig an drochaid bha muileann ann. ’S e Muileann nam Biodag an t-ainm a bh’ air. The Mill of the Dirks. Muileann nam Biodag. Bha na ceatharnaich a’ cur faobhar air na biodagan aca an sin. An uair sin bha iad a’ falbh airson droch rudan a dhèanamh.

Tha fiosrachadh sònraichte againn air aon bhaile-fearainn san sgìre. Tha sin nas fhaide sìos an rathad. ’S e Balchraggan no Bail’ a’ Chreagain an t-ainm a th’ air. Tha fios againn air na h-ainmean a bh’ air na h-achaidhean ann am Bail’ a’ Chreagain nuair a bha grunn teaghlaichean a’ fuireach ann. Bha na teaghlaichean a’ fuireach ri taobh a chèile. Bha achadh aig gach teaghlach. Seo agaibh na h-ainmean: Cùl Arachain, Bail’ an Fhraoich, Baile na Feadaige, Bail’ a’ Chreagain fhèin agus Bail’ an t-Sìthein. Gu mì-fhortanach, chaill sinn fiosrachadh mionaideach mar sin ann am mòran bhailtean air a’ Ghàidhealtachd.

Agus cò às a thàinig am fiosrachadh mionaideach sin air Bail’ a’ Chreagain? Thàinig bho bhodach – Seumas Gobha. Chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903). Rugadh e ann an ochd ceud deug ’s a trì (1803). Mar sin, bha e ceud bliadhna a dh’aois nuair a chaochail e. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 78 An Litir Bheag 78 An Litir Bheag 80 An Litir Bheag 80

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!