An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann am Baile Cheatharnach. Tha sin faisg air Loch Nis. ’S e Baile Cheatharnach (place of freebooters) an t-ainm
a bh’ air anns an ochdamh linn deug. Bha mòran à Baile Cheatharnach a’ goid crodh.
Ach chan e crodh a-mhàin. Bha feadhainn a’ goid eich. Agus chan e crodh is eich a-mhàin. Nochd fear Alasdair Fearghasdan anns an taigh-chùirte ann an
Inbhir Nis. Ghoid e muilt, uain agus clòimh. Bha sinn anns an Tolm, faisg air Inbhir Nis.
Dh’fhuiling muinntir an àite eucoir cuideachd. Chaidh each a ghoid turas bho thuathanach. Chaidh bliadhna seachad. Cha chuala an tuathanach guth mun each.
An uair sin, aig a’ Bhliadhn’ Ùir, nochd an t-each aig an doras. Bha e a’ giùlain botail de dh’uisge-beatha. Mar sin fhuair an tuathanach tiodhlac!
Tha am fiosrachadh seo a’ tighinn bho dhà leabhar. Is iad fear le Ailean B Lawson – A Country Called Stratherrick – agus leabhran a rinn
uachdaran. B’ esan Niall Friseal-Tytler. Sgrìobh e an leabhran tràth anns an fhicheadamh linn. Fhuair e fiosrachadh bho Sheumas Gobha. Rugadh Seumas ann an
ochd ceud deug ’s a trì (1803). Chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903). Bha cuimhne mhath aige fad a bheatha. Chruinnich am ministear ainmeil,
an Dr Tòmas Sinton, mòran de na naidheachdan aige.
Bha athair Sheumais na threabhaiche ann am Baile an Lagain, faisg air Dùn Dearduil. Chaochail e nuair a bha Seumas ochd bliadhna a dh’aois. Às dèidh Blàr
Chùil Lodair, bha seanair Sheumais am falach ann an uamh. Bha na saighdearan dearga a’ dèanamh sgrios aig an àm. Bha còig balaich dheug anns an uaimh.
Chuala na daoine gun robh na saighdearan dearga a’ murt balaich. Bha sinn-seanmhair Sheumais na banntrach. Bha sia bà bainne aice. Mharbh na saighdearan an
crodh aice air fad.
Nuair a bha Seumas na ghille, fhuair e obair aig a’ Choirneal Lester. Bha an Coirneal Lester a’ sealg ann an Srath Fharragaig. Bha oighreachd aige ann an
Ceant. Bha Seumas ag obair ann. Ach thill e don Ghàidhealtachd agus cha do dh’fhalbh e a-rithist. Bha e a’ dèanamh uisge-beatha. Ach cha robh cead aige!
Bha triùir bhràithrean aige. Chaidh iad uile don arm. Bha obair annasach aig fear de na bràithrean. Bha e na fhreiceadan aig uaigh Napoleon ann an St
Helena.