Tha am facal fear air a dhol rud beag boireann. Bidh feadhainn ag ràdh an fhear airson the man, seach am fear. Mar
eisimpleir – sin an fhear a bha mi a’ ciallachadh an àite sin am fear a bha mi a’ ciallachadh. Ach an e rud ùr a th’ ann? Uill, chan e.
Bha feadhainn ag ràdh sin tràth anns an naoidheamh linn deug.
Tha liosta aig Iain Foirbeis anns an leabhar aige Gràmar Dùbailt Beurla is Gàidhlig. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an ochd ceud deug,
ceathrad ’s a trì (1843). ’S e an t-ainm air an liosta Improper Gaelic Phrases. Tha an fhear ud – yon fellow, that man – nam
measg.
Ach tha Foirbeis àilgheasach. Tha e ag ràdh nach eil feagal ceart airson “fear” no “fright”. Tha e ag ràdh gur e eagal a tha ceart. Agus
tha e mì-thoilichte le bhrist e a chas. Is toigh leis bhris e a chas. Ach buinidh na rudan seo do dhualchainntean na
Gàidhlig. Agus nach eil beairteas anns na dualchainntean againn?
Tha seo aig Foirbeis:
Àrdachdainn, cruinneachdainn, cinneachdainn, ceasnachdainn ... and the like are improperly used by vulgar speakers for àrdachadh, cruinneachadh,
ceasnachadh etc.
Ach ’s e sin rud dualchainnteach cuideachd. Agus tha seo aige: The erroneous practice of pronouncing adh or eadh like ubh prevails to a great extent in Ross and Sutherlandshire; as bheirubh, chuirubh, chitu ... for bheireadh, chuireadh, chiteadh... Obh obh! ’S e a
bha cruaidh!
Tha liosta de dh’abairtean Frangach aig Foirbeis. Tha a’ Ghàidhlig ann air an son cuideachd. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh na Gàidhlig. Tha mi airson ’s
gun can sibhse dè an Fhraingis a th’ air gach abairt Ghàidhlig.
Seo a-nist iad: Ceann ri ceann. Ceann ri ceann – tête-à-tête. Stràc crìochnachaidh. Stràc crìochnachaidh – coup de grâce; Seòmar
uaigneach mnà uaisle. Seòmar uaigneach mnà uaisle – boudoir. Ann am meall. Ann am meall – en masse. Gille-seòmair. Gille-seòmair – valet de chambre. Fear ionnsaichte. Fear ionnsaichte – savant. Dia ’s mo chòir. Dia ’s mo chòir – Dieu et mon Droit.
An robh sibh math orra? Bha? Très bien! Glè mhath. Agus a-nise, mar a chanas na Frangaich – au revoir.