Tha mi fhathast a’ coimhead air an t-seann leabhar Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig le Iain Foirbeis, Maighstir-sgoile Chille Chuimein. Tha e ag
innse dhuinn riaghailt inntinneach mu ghràmar ann an Gàidhlig. Tha e co-cheangailte ris an fhacal eadar. Canaidh sinn rudan mareadar am beul ’s an gogan – between the mouth and the dish. Eadar am beul ’s an gogan. Canaidh sinn eadar fear is bean – between man and wife. Eadar fear is bean.
Ach nuair a tha eadar a’ ciallachadh both, tha e ag adhbharachadh sèimheachadh – no lenition. Seo dà eisimpleir bhon leabhar:eadar ghillean agus chaileagan (both lads and lasses). Chan e eadar gillean is caileagan. Eadar ghillean agus chaileagan. Agus eadar bheag is mhòr – both great and small. Eadar bheag is mhòr.
Tha an riaghailt seo ann am faclair Dwelly cuideachd. Seo na th’ aig Dwelly: when signifying both, [eadar] does not admit the article between itself and the noun; but aspirates [or lenites] both its nouns. Agus tha Dwelly
a’ toirt dhuinn trì eisimpleirean: eadar bheag agus mhòr (both great and small), eadar cheann is chasan (both head and feet) agus eadar
mhath is olc (both good and bad).
Dè tha na faclairean ùra ag ràdh? A bheil iadsan ag aontachadh mun riaghailt seo? Uill, tha am faclair Teach Yourself le Boyd Robasdan is Iain
MacDhòmhnaill a’ toirt na h-eisimpleir eadar bheag is mhòr airson both large and small. Agus anns an fhaclairThe Essential Gaelic-English Dictionary le Aonghas MacBhàtair, tha seo:thàinig iad, eadar bheag is mhòr – they came, both small and great; agus tha e eadar beag agus mòr – he is between small and big/neither small nor big. Mar sin, tha an riaghailt sin fhathast ann am bith.
Agus seo eisimpleir eile de shèimheachadh. Chan ann le eadar, ach le air. Tha Foirbeis ag innse seo dhuinn: air sometimes aspirates its noun – mar eisimpleir air thalamh (on earth). Dè air thalamh a tha a’ dol? (what on earth is happening?) Agus canaidh daoine air mhàl airson for rent, seach air màl. Fhuair mi an taigh air mhàl
airson seachdain – I rented the house for a week. Agus a’ bruidhinn air “seachdain” – bidh mi air ais le Litir Bheag eile an ceann seachdain.