Ann an còig ceud deug is ceathrad (1540), chaidh Iain Muideartach, ceann-cinnidh Chlann ’ic Ailein, a chur don phrìosan. Thàinig caraid dha, Raghnall
Gallta, gu Caisteal Tioram, prìomh àros a’ chinnidh. Le taic bho na Frisealaich, Clann ’ic Shimidh, bha Raghnall airson àite Iain a ghabhail thairis dha
fhèin.
Bhathar a’ còcaireachd mairt is caoraich airson cuirm dha. Thuirt Raghnall nach leigeadh iad a leas, agus gum biodh cearcan ròsta math gu
leòr dha. Ghabh muinntir Chlann ’ic Ailein a bheachd gu h-olc agus chuir iad dhachaigh e gu Caisteal ’ic Shimidh faisg air a’ Mhanachainn. Bho sin a-mach, ’s e Raghnall nan Cearc a bh’ aig mòran air mar ainm.
Rinn Iain Muideartach dol-às bhon phrìosan agus chruinnich e feachd airson stad a chur air Raghnall. Chaidh iarraidh air Iarla Hunndaidh dèiligeadh ris a’
chòmhstri as leth an riaghaltais. Chuir e arm ri chèile. Cuide ris bha Frisealaich, Granndaich is buill de Chlann ’ic an Tòisich. Ann am meadhan an
t-samhraidh, còig ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1544), thachair iad ri feachd de Chlann ’ic Ailein agus Camshronaich.
Bha còmhradh ann eatarra. Dh’aontaich iad falbh bho chèile gun sabaid. Rinn Iain air an taobh an iar. Dh’fhalbh na Frisealaich tron Ghleann Mhòr – an
rathad a bu ghiorra gu ruige a’ Mhanachainn. Ach thionndaidh Iain is an còig ceud saighdear aige. Chaidh iad gu tuath, gu ceann a tuath Loch Lòchaidh. Bha
iad a’ feitheamh ris na Frisealaich oir bha Raghnall Gallta nam measg. Bha, agus Mac Shimidh fhèin.
’S ann air a’ chòigeamh latha deug dhen Iuchar a bha am batail. Am-bliadhna bha mìos an Iuchair uabhasach fhèin teth ann an Alba. Agus bha e mar sin an
uair sin. Teth is grianach. Bha lèana mòr ann aig ceann an locha. Nuair a ràinig na Frisealaich an t-àite sin, thàinig Clann ’ic Ailein sìos orra. Bha
sabaid mhòr ann. Bha bàs uabhasach ann. Chaill na ceudan am beatha. Chaidh Raghnall Gallta a mharbhadh. Chaidh, agus Mac Shimidh. Ged a chaidh Iain
Muideartach a leòn, mhair e beò.
Às dèidh làimh bha an lèana aig ceann Loch Lòchaidh còmhdaichte le cuirp. Bha e còmhdaichte cuideachd le lèintean. Thathar ag ràdh gun robh an latha cho
teth ’s gun do reub cuid mhath de na saighdearan an lèintean dhiubh. Agus gur e sin as coireach ri ainm a’ bhatail – Blàr na Lèine. Bha lèintean
nan saighdearan air am fàgail air a’ bhlàr às dèidh làimh.
Ach tha cuid eile a’ cumail a-mach gun do thilg na saighdearan am fèilidhean dhiubh is gur e lèintean a-mhàin a bh’ orra nuair a bha iad a’ sabaid – agus
gur e sin as coireach gur e Blàr na Lèine a th’ air. Ach mar a thuirt mi an t-seachdain sa chaidh, tha cuid a’ cur teagamh anns an dà stòiridh seo – oir
tha Blàr na Lèine a’ ciallachadh Field of the Shirt, seach Field of the Shirts.
’S e an smuain eile gur e Blàr na Lèana an t-ainm ceart – the Field or Battle of the Swampy Meadow. Uill, b’ e sin an àrainneachd anns an do
thachair e. Ach – ceist gràmair a-rithist. Nach eil am facal lèana fireann? Mar sin, ’s e Blàr an Lèana a bhiodh ann. A, uill, ’s dòcha
nach eil fuasgladh ann an gràmar do cheist mar sin.