Thachair rud uabhasach air a’ Ghàidhealtachd ann an seachd ceud deug, trithead ’s a naoi (1739). Sheòl long a-steach a Loch Bràcadail anns an Eilean
Sgitheanach. ’S e an William an t-ainm a bh’ oirre. Bha i à ceann a tuath na h-Èireann. ’S e Uilleam MacDhaibhidh an t-ainm a bh’ air an sgiobair.
’S e droch dhuine a bh’ ann.
Ann an Loch Bràcadail, chaidh daoine às an àite air bòrd. Fhuair iad cuireadh dhol air bòrd. Bha iad air an toirt am bruid. Bha iad air an cur ann an toll
na luinge. Bha iad air an glasadh ann. Bha na Sgitheanaich gu bhith nan tràillean ann an Ameireagaidh. Dh’fhàg an William an t-Eilean Sgitheanach
le seasgad duine air bòrd.
Chaidh i a-null gu Fionnasbhagh anns Na Hearadh. Agus chaidh i gu Loch Portain ann an Uibhist a Tuath. Thug an criutha tuilleadh dhaoine am bruid anns na
h-àiteachan sin. Bha a-nise còrr is ceud duine air bòrd. Bha iad ann an toll na luinge. Bha an toll salach is dorch. Bha na daoine ag ithe dìreach aran.
Bha iad ag òl dìreach uisge fuar.
Chaidh an soitheach a dh’Èirinn. Bha na Gàidheil air an glasadh ann an dà shabhal. Bha an criutha a’ dèanamh an long deiseil airson a dhol a
dh’Ameireagaidh. Air an oidhche, theich mòran de na Gàidheil. Anns a’ mhadainn bha dìreach ochd duine deug ann.
Chuala maighstir-lagha mar a thachair do na daoine. Chuala e gu robh iad air an toirt am bruid. Chuir e barantas a-mach airson MacDhaibhidh a chur an
grèim.
Ach chan e MacDhaibhidh a-mhàin. Dh’iarr fear eile air MacDhaibhidh an obair aige a dhèanamh. B’ esan Tormod MacLeòid à Beàrnaraigh na Hearadh. Cha robh
sgeul air MacLeòid no MacDhaibhidh. Theich iad. Cha tàinig iad riamh gu cùirt.
Agus dè thachair do na Gàidheil? Uill, chaidh mòran aca dhachaigh do na h-eileanan. Ach dh’fhuirich feadhainn ann an Èirinn. Agus thathar a’ cuimhneachadh
an William an-diugh mar “Long nan Daoine”.